B' e mac le Iain Moireasdan agus a bhean, Anna, a bh' ann an Dòmhnall 'an Moireasdan. B' ann à Beà rnaraigh Leòdhais a bha Iain agus Anna agus phòs iad nuair a bha esan 18 agus ise 16.
Thug an obair a bha aige-san mar iasgair ghiomach orra gluasad gu taobh siar Leòdhais far an robh an giomach pailt aig an à m. Bha a' chiad dachaigh a bha aca as a' leathad faisg air a' chidhe am Brà gar ach, nuair a fhuair iad cothrom air lot, ghluais iad gu 62 Brà gar a Deas. Bha triùir nighean aca, Ceit, Oighrig agus Anna, agus triùir mhac, Dòmhnall, Murchadh agus Calum.
Tha e follaiseach bhon t-òran Balaich an Iasgaich gu robh e eòlach air a' chruadal a bha an cois an iasgaich air taobh siar an eilein agus nas fhaide air falbh:
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
FÃ ilte gu fearann air balaich an iasgaich
Iomradh is tarraing is gearradh a' bhiathaidh,
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gum faigh mi mo lìon an òrdugh.
BÃ taichean Gallach a' gearradh an t-siabain,
Biotadh gu caladh an aghaidh sruth lìonaidh,
BÃ taichean biorach aig Nisich is Siaraich
Fada mun iar air Rònaigh.
Tha 'n geamhradh cho fada 's an gaillean cho cruaidh,
Droch shìde le cabhadh, clach-mheallain is fuachd,
Cha mhòr tha chur-seachad aig balaich 'an Ruaidh
Ach cèilidh is bualadh eòrna.
Thig an Fhèill Phà raig mum pà igh sinn na fiachan
Ri dorghach nam biorach air slios an Taoibh Siair;
Tha prìs air an langainn an Sasainn am bliadhna
'S gheibh mi mo lìon an òrdugh.
Bidh riasladh is mà ladh air rà mh agus cliabh
Gun iaradh no tà mh eadar à iteach is lìon;
Thug Cailean a là mh dhomh nam pà igheadh an t-iasg
Gu faodainn Cairistìona phòsadh.
'S i leabaidh as fheà rr leam na gà bhadh nan tonn;
Tha plaide mo mhà thar 's mo là mh fo mo cheann
Nas fheà rr na bhith lapadh ri fasgadh nan crann
Ag èisteachd ri srann nan ròpan.
Siud agaibh na balaich nach gearain air cruadal,
Sìnt' air a' bhalaist gun pheallaig mun uachdar;
Còignear no seisear 's an lethcheann air cluasaig,
Ulpagan cruaidhe Cheòsan.
Nuair thig sinn à Gallaibh 's a thogar am bà rr,
Bheir bùth Sheumais Chaluim dhuinn preasain air dhà il;
Bidh dùil a'm bho Chailean ri feannag no dhà ,
'S bheir m' athair a' phà irc is bò dhuinn.
Nam faighinn Cairistìona chan iarrainn a-chaoidh
Ach bothan beag riabhach is sìoman mu dhruim,
Sabhal is bà thach is stà bhag bò-laoigh,
Gearran beag donn is òisgean.
Dh'fhalbh Dòmhnall agus a bhrà thair, Murchadh, a Chanada ach cha b' fhada gus na ghluais iad deas dha na Stà itean. An toiseach bha iad ri obair sam bith a bheireadh beagan teachd-a-steach dhaibh. Ach dh'ionnsaich an dithis aca ciùird agus bha Dòmhnall na thà illeir agus Murchadh na phlumair.
Bhris air slà inte Mhurchaidh agus an ceann ceithir bliadhna an Ameireagaidh thill e air ais a Leòdhas far an d' fhuair e na b' fheà rr. Thòisich e air marsantachd agus rè ùine thog e Lakefield, an taigh ainmeil am Brà gar aig a bheil gèillean muc-mara os cionn a' gheata. Thug e 27 bliadhna a' ruith Oifis a' Phuist sa bhaile agus bha e beò gu aois mhath.
Dh'fhuirich Dòmhnall ann an Ameireagaidh, agus phòs e May ann an Duluth. Bha triùir mhac aca agus dithis nighean. Gu duilich, chaidh aon ghille a bhà thadh ann an tubaist snà mh, agus chaochail an dithis mhac eile le tinneas 's gun iad ach glè òg.
Ged a bha Dòmhnall ag obair gu cruaidh, agus a' dèanamh cosnadh air leth math mar thà illeir chun na h-ìre 's gun cante gu robh e beartach, nuair a thà inig à m na bochdainn, chaill e a h-uile cà il a bh' aige agus b' fheudar dha tòiseachadh às ùr. Thug e mach ceà ird ùr mar chiropractor agus, le saothair, chaidh gu math leis uair eile.
Cha do thill e a Leòdhas ach aon uair a-mhà in, sa bhliadhna 1937. Bha e gu bhith ann am Brà gar airson trì mìosan ach chaidh mìos is mìos seachad 's cha robh guth aige air tilleadh gu Duluth. Mu dheireadh, an ceann sia mìosan, 's an teaghlach as na Stà itean a' cur theileagraman a Leòdhas a' feòrach cuin a bha e dol a thilleadh, chuir e roimhe falbh.
An latha a dh'fhalbh e à Brà gar air bus Chaluim 'an 'ic Aoidh tha e coltach gun deach grunn math de chà irdean is a cho-aoisean air a' bhus còmhla ris. A' dol tarsainn mòinteach Bharabhais, bha iad a' deasbad cò aca a b' fheà rr air cruinn-leum a dhèanamh nuair a bha iad nam balaich. As a' mhòintich, thug iad air a' bhus stad agus a-mach a ghabh iad a dhearbhadh le farpais cò a b' fheà rr.
Tha e coltach cuideachd nuair a ghluais am bà ta air an robh Dòmhnall a' falbh a-mach bho chidhe Steòrnabhaigh gun do sheinn an sluagh mòr a bha air tìr Eilean Beag Donn a' Chuain, a' dèanamh an dealachadh a bha doirbh buileach duilich dha.
Cha robh a shlighe air ais gu theaghlach idir rèidh. Nuair a rà inig e Glaschu chaidh e, airson latha no dhà mus seòladh an t-soitheach aige, gu nighean a pheathar a bha pòsta aig Aonghas Beag Aonghais a' Chaiptein à Brà gar. Bha iad a' fuireach ann an Twechar. Sin far an tug e an aire nach robh sgeul air an tiocaid a dh'fheumadh e airson a dhol tarsainn a' Chuain Shiair. Bha i glaiste anns a' safe ann an Oifis a' Phuist am Brà gar, gun dòigh air a faighinn a Ghlaschu mus seòladh an t-soitheach.
An dèidh mòran strì agus an dèidh do Aonghas Beag a dhol air a mhionnan gu robh an tiocaid ann agus gum pà igheadh e cà in mhòr mur an robh, leigeadh am bà rd air bòrd. Thill e gu Duluth far an do chaochail e ann an 1952.
Ged a rinn e dà òran a tha cho ainmeil ri gin a rinneadh le Leòdhasach, Eilean Beag Donn a' Chuain agus Balaich an Iasgaich, chan eil ach corra rann eile leis air sgeul.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.