Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt, Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il, iain macGillìosa, ruairidh macLeòid agus Seòras Clavey.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona Garbutt, Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il, iain macGillìosa, ruairidh macLeòid and Seòras Clavey.
Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire,
Bu chaomh leam bhith mire ri o chailin donn òg;
Bu chaomh leam bhith mire ri d' thaobh nuair a shuidhinn
Mo ghrà dh orra bhilean 'n à m sireadh nam pòg.
Tha stòras nach seallar an-còmhnaidh ga mealladh
'S i 'n dòchas na barail nach annas dhith lòn;
Nan cunntadh i gealladh 's a slà inte ri maireann
Gun seòladh nist thairis gu 'strà ilia mhòr.
Nach sguir thu gad shaoilsinn 's a chreidsinn nan daoine
Tha deònach do shaoradh le baothaireachd beòil;
Thig nì ort nach saoil thu ma chreideas tu h-aon dhiubh
'S ma dh'fhà gas tu na h-aonar 'n tè shaothraich thu òg.
Ma bhristeas orra shlà inte 's tu fada bho d' chà irdean
Gun neach a nì bà igh riut ged chà irt' thu fon fhòd;
Gum b'fheà rr dhut an là sin bhith teann orra mhà thair
Na stòras na ban-righinn ged chà irt' e nad dhòrn.
An cluinn thu mi, Pheigi, nach dèan thu rium seasamh
An gabh thu mo leisgeul, chan eil mi ach òg;
An gabh thu mo leisgeul, 's i 'n fhìrinn a sheasas
Tha mis ann an teagamh gur beag leat mo stòr.
Ged gheibhinn le dùrachd a dh' òr air a chunntais
Na dhèanadh dhìom diùc is gun dùil riut ri m' bheò;
Gun cuirinn air chùl e ach thusa thighinn dlùth dhomh
Do mhaise 's do chiùine gam chiùrradh gach là .

Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pà rantan le chèile à Beinn ...
Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona Garbutt
Rugadh Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il, Dòmhnall Eà irdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il / Learn more about Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà ilRugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gà idhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghà idhlig Phort ...
Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras ClaveyCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.