
Rugadh Dòmhnall Eà irdsidh MacPhà il, Dòmhnall Eà irdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a bha a phà rantan le chèile, ged is ann à Muile a thà inig cuideachd athair bho thùs. Bha a mhà thair, Mà iri Dhòmhnaill Ruaidh, cà irdeach don bhà rd Leathanach, Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola), agus b' e a bhrà thair, Dòmhnall Cùbair, a sinn-seanair.
'S e cà raid a th' ann an Dòmhnall Eà irdsidh agus a bhrà thair Donnchadh, a tha na thuathanach ann am Bail' a' Phuill. Tha dithis pheathraichean aca, Mà iri, a tha a' fuireach ann an Tiriodh agus Iseabail, a tha a' fuireach ann an Cille Mheà rnaig. Bidh iad uile a' seinn agus chaidh Donnchadh a chlà radh leis a' BhBC. Tha laoidhean air an seinn le Mà iri air CD a chaidh a chlà radh de sheinneadairean Tiristeach.
Chaidh Dòmhnall Eà irdsidh do Bhun-sgoil Bhaile Mhà rtainn agus an dèidh sin do Sgoil na Còrnaig. An dèidh an sgoil fhà gail bha e an sàs ann an obair fearainn airson beagan bhliadhnaichean, an toiseach aig an taigh ann an Tiriodh agus an uair sin anns a' Chlachan, ann an Cinn Tìre.
Nuair a bha e mu fhichead chaidh e a dh'obair gu Seirbheis Smà laidh nam Puirt-adhair aig an taigh ann an Tiriodh. Chaidh e an uair sin a Ghlaschu agus gu Preastabhaig, far an robh e mu dhusan bliadhna, mus do ghluais e gu Gatwick. Aig a' cheann thall bha e na Àrd-oifeigeir-smà laidh ann am Prìomh Oifis BAA, Ùghdarras Phuirt-adhair Bhreatainn, ann an Lunnainn, far an robh e gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1995.
Ann an 1961 phòs Dòmhnall Eà irdsidh agus Malina NicLeòid, nighean Rodaidh Thomain à Àird Àsaig, anns Na Hearadh. Tha ceathrar chloinne aca, dithis nighean agus dithis ghillean.
Choisinn Dòmhnall Eà irdsidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nà iseanta anns an Òban, ann an 1978. Ged a tha a dhachaigh an-duigh ann a' Horley, Surrey, tha Dòmhnall Eà irdsidh agus an teaghlach gach bliadhna a' cur seachad seachdainnean den t-samhradh ann an Tiriodh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.