Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bà rd Phà islig) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) agus Fionnlagh MacNèill.
This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bà rd Phà islig) and sung by: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) and Fionnlagh MacNèill.
E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bidh an seòmar cho blà th, bidh an t-à ite cho brèagha,
Air an ùrlar fo'r bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bà n air am fà isg thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sìos
Air do bhialaibh air bòrd.
Dhe gach seòrs' a thèid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan stop 's a' cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig o'n Spà innt oirr' air fhà gail co-dhiùbh,
'S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h à rd os do chionn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu dìsnean is tà ileasg 'gan cà radh air bùird,
Gheibh thu pà ipear ri leughadh le speuclair dha d' shùil,
Bidh gach nì mar is còir eadar Dòmhnall 's a bhùth,
'S chì thu staidhre dol sìos, à it bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgathan is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chà braid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bà rd ris gach gualainn dhiot 's fuaim ac' air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
"Cuir a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann à rd,
"Gloine fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceà ird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè reamhar, bhà n
A bha bhlà th air a sròin, gun do thòisich i trà th
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn à balgam no dhÃ
Thig à Ìle thar fairg' air eil dealbh an Eich Bhà in;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile grà n;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu brà th
Fhad 's a dh'fhà sas innt' eòrn'.
Gloine mhòr dhe 'n Each Bhà n 's i air clà r mar ri pinnt,
Thèid an t-à ran nas fheà rr leis gach là n a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tìm
Nach robh phrìs aic' ach gròt'.
Air an aimsir a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bha i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhà il,
Bhiodh am bà illidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag rà dh-
"Ma tha 'n t-airgiod 'gad dhìth 's mar a lìbhrig thu Ã
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shìneadh Di-mà irt
Air an t-srà id air do thòin."
Their na là ithean a dh'aom orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlà th air an t-saoghal g'eil saorsa dol sìos;
Nuair tha 'm bà rd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid 'na bhial,
'S e air fhà gail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.
Anns an aimsir a dh'fhalbh thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur suas ann am prìs,
Gus na gheà rr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe ri ìnns',
Gun do thrà igh iad am fuaran bu dualach dha 'n tìr
Bha na mìltean ag òl.
Thrà igh iad fuaran nam buadh, dh'fhà g iad sluagh ann an cà s,
Tha na ceà rnachan tuath 's iad air thuar a bhith fà s;
Tha na fà rdraichean fuar a bha uaireigin blà th,
'S chan eil à bhachd aig cluais mur eil fuaim a' mhuir-là in,
Far am b'à bhaisteach ceòl.
Tha na ceà rnachan tuath ac' air thuar a bhith fà s,
'S ann tha à ireamh an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tà mh.
Bidh am Bà rd Mac-an-t-Saoir fhathast daonnan an sà s,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air a mhà s,
Ged tha iad-san air dòigh.
Ach fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an à m,
Ruith an t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
B' e Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid taigh-seinnse ann an Glaschu. Bha e air an oisein far a bheil Paisley Road West agus Rutland Crescent a' coinneachadh. B' ann as an Eilean Sgitheanach a bha Dòmhnall MacLeòid agus bha taigh-seinnse eile aige air an robh The Roost, air Dumbarton Road, faisg air Drochaid Phartaig.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha a' bhà rdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the Late Donald Macintyre, The Paisley Bard. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann 1968.
Chaidh ´¡±ðò±ô³Ü²õ, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhà thair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Mà rt 1940. B' e cà raid a bh' ann fhèin is a bhrà thair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.