Rugadh Dòmhnall Mac an t-Saoir, Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh, ann an Snaoiseabhal an Uibhist a Deas air 1 Dà mhair, 1889. A rèir coltais bha cuimhne anabarrach aig a mhà thair Ceit agus bha cuimhne aig Dòmhnall air iomadh ùrnaigh is òran, port is seanfhacal, a chuala e aice 's e na bhalach.
Dh'fhà g e sgoil aig aois 14, 's dh'ionnsaich e bhith na chlachair. Bha e as na Camshronaich ron Chiad Chogadh, 's bha e na phìobaire aig Loch Iall. Dhearbh e a threubhantas à m a' chogaidh aig Blà r Loos.
An dèidh a' chogaidh thill e a Chill Donnain, gu iasgach ghiomach, ach cha b' fhada gus am b' fheudar dha an t-eilean fhà gail airson a dhol a shireadh cosnadh air tìr-mòr. Thug e greis ann an Loch Abar, an uair sin an Siorrachd Pheairt, an Grianaig agus an Glaschu. Mu dheireadh thall rinn e a dhachaigh ann am Pà islig.
Rinn e ainm mar bhà rd an toiseach nuair a riochdaich e croitearan Shnaoiseabhal aig a' chùirt ainmeil "Cùirt nan Con", nuair a dh'fheuch an t-uachdaran, Lady Cathcart, ri bacadh a chur air na croitearan bho bhith cumail choin gun chead. Chaidh an latha le na croitearan agus rinn Dòmhnall dà bhà rdachd mun chùis - 'Cùirt nan Con' agus 'Triall gu Cùirt nan Con'.
Phòs e Mà iri NicIllFhialain an 1930, 's bha ceathrar chloinne aca.
Sgrìobh e mòran òrain agus cluinnear cuid mhath dhiubh aig seinneadairean an latha an-diugh, gu h-à raidh òrain èibhinn mar Òran na Cloiche, 'Sporan Dhòmhnaill', agus Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Rinn e eadar-theangachadh sgaiteach de Thòmas Seanntar aig Raibeart Burns agus choisinn e Crùn na Bà rdachd aig Mòd Ghlaschu an 1938 le '´¡±ðò±ô³Ü²õ agus am Balg'.
Chaochail Dòmhnall Ruadh air 7 Faoilleach, 1964, agus tha e air a thiodhlacadh an cladh Hawkhead am Pà islig.
Nuair a dh'fhoillsichear an leabhar Sporan Dhòmhnaill ceithir bliadhna an dèidh a bhà is, sgrìobh an sgoilear Coinneach Dòmhnallach mun bhà rdachd aige:
"Tha e fìor mun deidhinn air fad gu bheil saibhreas is eirmseachd fhaclan annta, nach fhaicear, tha mi a' creidsinn, gu brà th tuilleadh a leithid ann am bà rdachd Ghà idhlig.
Tha bà rdachd Ghà idhlig ann, anns am bheil mòran fhaclan neo-chumanta, 's fà ileadh là idir an fhaclair dhiubh, ach 's e th' againn an seo fallaineachd na Gà idhlig Uibhistich a fhuair Dòmhnall Ruadh mar dhìleab, 's a leudaich e le bhith sgrùdadh obair nam bà rd a chaidh roimhe...
Ged nach b' ann às na faclairean a fhuair Dòmhnall Ruadh "cainnt gheur-fhaclach nam bà rd", 's fhad a bhios luchd an fhaclair a' rùrach na chuid bà rdachd." (Gairm, Àireamh 65, An Geamhradh, 1968)
Tha a' bhà rdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the late Donald Macintyre, the Paisley Bard.
Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh leis an Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1968.
Chaidh ´¡±ðò±ô³Ü²õ, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.