
Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhà thair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh a thogail le pheathraichean.
Chaidh e gu chosnadh aig muir is gun e ach ceithir bliadhna deug. Fhuair e DSM airson euchdan a rinn e aig à m a' chogaidh.
Dhearbh thu euchdan sònraichte
Measg leòntach an Caol na Fraing
Gan dìon 's gan aiseag sà bhailte
On trà igh air an robh 'n call.
Dh'obraich Dòmhnall Eòsaph is dh'ionnsaich e, gus mu dheireadh bha e na mhate an toiseach, agus an uair sin na sgiobair, air a' Lochmor, tè de bhà taichean Mhic a' Bhruthainn a bha seòladh eadar Malaig, Eige, Rùm, Canaigh is Loch Baghasdal.
Phòs e Nellie Nic a' Phearsain à Grìminis am Beinn na Fadhla: bha ceathrar chloinne aca is bha dachaigh aoidheil aca air Kenneth Drive ann an Loch Baghasdal fad iomadh bliadhna.
A thaobh an t-seinn, cha b' e cheannach a rinn e!
Bha athair, Ruaraidh Iain Bhà in, a dh'eug aig aois 86 ann an 1944, ainmeil mar sheinneadair. Sgrìobh Caimbeulach Chanaigh mu Ruaraidh: "He knew a very large number of songs of which I recorded 67."
Tha e soilleir gun d' ionnsaich Dòmhnall Eòsaph mòran òrain bho athair.
Agus cha b' ann bho Ruaraidh a-mhà in. B' e piuthar dha, Mòr, bean Shomhairle Bhig, a thug iomadh òran do Mharsaili Cheanadach Fhriseal (agus do Khitty NicLeòid cuideachd).
Ann a' Hebridean Folksongs, na trì leabhraichean cudromach a sgrìobh Fear Chanaigh mu òrain luaidh, tha na h-ainmean aig Ruaraidh agus aig Mòr a' tighinn am bà rr a-rithist agus a-rithist.
Agus thuirt an Caimbeulach cuideachd: "Several members of Ruari Iain Bhà in's family have inherited his talent," agus 's e 'n fhìrinn a bh' aige an sin.
Bha peathraichean aig Dòmhnall Eòsaph a bha sònraichte gu seinn cuideachd, Ceit agus Sìne gu h-à raidh.
Nuair a dh'eug Dòmhnall Eòsaph, no 'n Eòsag mar bu tric a chante ris, ann an 1960, dh'fhà g Dòmhnall Dòmhnallach, à Beinn na Fadhla, dealbh againn dheth mar mharaiche comasach agus mar dhuine coibhneil, cà irdeil, as a' mharbhrann a rinn e dha:
A Dhòmhnaill Eòsaph 's duilich leam,
Do ghuth a bhith gar dìth:
Bu tric am measg na cuideachd thu
Toirt luinneag dhuinn às ùr.
A-nis cha chluinnear tuilleadh thu
'S chan fhaicear thu 's a' chùirt
Far 'm biodh do ghairm cridhealach
Toirt spionnaidh dhan bhiodh cruinn.
Maraiche nan tonnan gorm
Ri sneachd is stoirm no ciùin
Toirt misneachd do gach sean is òg
A bhiodh air bòrd san luing.
Bhiodh teà rainteachd fo do là mh
'S command agad air stiùir
'S ruigeadh tu leotha' sà bhailte
Don chala san robh dùil.
Cha robh Dòmhnall Eòsaph ach na dhuine òg nuair a dh'eug e ann an 1957. Cha robh e ach leth-cheud 's a ceithir agus cha robh innealan-clà raidh cho pailt no idir, idir cho goireasach 's a tha iad an-diugh. Co aig tha fios cia mheud òran a b' aithne dha no dè na h-òrain eile a bhiodh e air seinn nam biodh e air saoghal na b' fhaide fhaighinn.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.