Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: an teaghlach rankin agus Jenna Chuimeanach.
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: an teaghlach rankin and Jenna Chuimeanach.
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd;
'S i seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas duinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.
'S iad gillean mo ghrà idh
Tha 'n Glaschu nan srà id –
Is fhada bho à it' an eòlais iad.
'S ann goirid ron Challainn
A chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leoth'.
Nuair thà inig an t-à m,
Gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an là imh gach òigeir dhiubh.
Aig aon uair deug
A rinn iad an triall,
Le pìob, 's bu bhrèagh' an còmhlan iad.
Nuair rà inig na sà ir
Gu ionad a' bhlà ir,
Gun chuireadh gun dà il an òrdugh iad.
Bha glainneachan là n
Dhen Tòiseachd a b'fheà rr,
Is aran is caise còmhla ris.
Bha bonnaich gun taing
Is pailteas dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.
Nuair roinneadh na laoich
'S a ghabh iad an taoibh,
Bha mis' air an raon toirt còmhdhail dhaibh.
'S e 'n sealladh as brèagh'
A chunnaic mi riamh,
Gach òigfhear gun ghiamh, 's a chòta dheth.
Gach fleasgach gun mheang
'S a chaman na là imh,
'S a chnapag le srann ga fògar leo.
Bha cuid dhiubh cho luath
Ri fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnt' ach "A-suas i, Dhòmhnaill" leoth'.
'S ann ann a bha 'n ealain
Le glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain deth.
Bha duine gun chearb
Le siosacot dearg
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.
Fear eile gun ghiamh
'S a chiabhagan liath,
Chuir "taigh" i bhà rr fiacail mòran diubh.
'S e duine gun tùr
Nach faiceadh le shùil
Gu robh iad bho thùs an òige ris.
Nuair chuireadh am blà r
Gun choisich na sà ir
Le pìob gu Srà id an Dòchais leoth'.
Suidhibh, a chlann,
Is gabhaidh sinn rann
Gun cuirear an dram an òrdugh dhuibh.
Gun dhealaich na suinn
Mar thà inig iad cruinn
Len cridheachan coibhneil, 's b' òrdail iad.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Chan eil teagamh nach robh e na chleachdadh ann an iomadh à ite a bhith ri iomain air Latha na Bliadhn' Ùire.
Chumadh an iomain mu bheil an t-òran seo le Comann Chamanachd Ghlaschu air seann Latha na Bliadhn' Ùire 1876, ann am Pà irc na Bà nrigh.
B' e madainn Disathairne a bh' ann agus choinnich mu leth-cheud air Srà id an Dòchais, far an robh à ite aig Comunn Gà idhealach Ghlaschu, agus choisich iad gu Pà irc na Bà nrigh le pìobaire, fear MacArtair, air an ceann. Anns an leabhar Mà iri Mhòr nan Òran (Comann Litreachas Gà idhlig na h-Alba, 1998) tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek a' foillseachadh litir a sgrìobh Mà iri gu caraid, Iain MacIllEathain ann am Beà rnasdail, 's i ag innse mun ullachadh a rinneadh an oidhche ron ghèam.
"Nam bithinn cho beartach 's a tha mi cho bochd, bheirinn punnd Sasannach gum biodh tu far a bheil mise nochd, ann an Talla Mòr nan Gà idheal ann an Glaschu; mo dhà mhuilichinn gum ghuaillean, 's am fallas gam dhalladh a' fuineadh agus a' bruich bhonnach dha na gillean-Callainn; ceann-suidhe na fà rdaich na shuidhe ann an teas-meadhan trì fichead caman, gan cuir air dòigh airson an là mà ireach.
Tha sinne a' falbh am mà ireach gu Pà irc na Bà nrigh, trì fichead gille tapaidh Gà idhealach; deich air fhichead fon fhèileadh agus deich air fhichead le briogaisean-glùine len cuid chaman air an guaillean, pìobairean romhpa agus às an dèidh, agus mi fhèin le each is cà rn là n chliabh bhonnach is mulchag chaise uiread ris a' ghealaich, agus deur beag den Tòiseachd a chur spreigidh anns na gillean."
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu Mhà iri agus a bà rdachd ri fhaotainn san leabhar Mà iri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gà idhlig an h-Alba, 1998)
Tha fiosrachadh mu iomain air Latha na Bliadhn Ùir' ri fhaotainn san aiste le H. D. MacFhillinnein, Shinty: Some Fact and Fiction (Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. 59, 1994-96)

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a mà thair agus tha piuthar nas ...
Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna ChuimeanachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.