Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacFhearghais agus air a sheinn le: Catriona NicLeòid.
This is a song written by: Alasdair MacFhearghais and sung by: Catriona NicLeòid.
Ochoin hi ri gur e mi tha muladach
Nach robh mi thall anns a' ghleann sna rugadh mi
Ged 's creagach cruaidh e cha d' fhuaireas urram dha
Tìr an fhraoich tha na laoich a' fuireach ann.
Dimà irt a dh'fhà g iad, bu chrà iteach duilich mi
A' caoidh mo bhrà thair 's gach à rmann urramach
A sheòl thar sà il chun an nà mhaid fhuileachdaich
'S a dhol thoirt sìth dhan an tìr mas urrainn dhaibh.
Gur mis' tha diombach mun chùis a thachair dhut
Gun dh'fhalbh thu null le gunn' ùr gu batailean
'S ma gheibh thu bàs cha bhi brà thair agamsa
'S gur lìonmhor à rmann tha cnà mh an Afraga.
Là na Sà baid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blà th anns na Gaidheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.
Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonapart
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.
Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh coirneileir eòlach misneachail
Gum bidh na nà imhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.
Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann 's math-ghamhainn
Chan fhac a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu fac' e 'n Gaidheal le fhèileadh tartain ann.

Rugadh Catriona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bà igh na Hearadh, air 26 Mà irt, 1931. B' e Fionnlaigh Feargustan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, ...
Fiosrachadh air Catriona NicLeòid / Learn more about Catriona NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.