
Rugadh Catrìona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bà igh na Hearadh, air 26 Mà irt, 1931. B' e Fionnlaigh Fearghastan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, a h-athair agus b' i Leacsaidh 'illeasbuig Mhà rtainn à Strùbarsaig, a mà thair. Bha seachdnar anns an teaghlach, ceathrar nighean agus triùir bhalach, fear dhuibh a bhà saich na leanaibh.
Chaidh i do Sgoil Chaolas Stocainis agus an dèidh an sgoil fhà gail bha i mu bhliadhna ag obair ann an taigh-òsta ann an Glaschu.
Phos i Murchadh MacLeòid, Murchadh Lachlainn Mhurchaidh Bhig, ann an 1953 agus rinn iad an dachaigh ann an Geocrab. Bha athair Mhurchaidh a' teagasg ann am Bun-sgoil Mhà nais ach bhuineadh a chuideachd do Scalpaigh agus do Chaolas Scalpaigh. Bha ceathrar chloinne aca, aon nighean agus triùir bhalach.
Bha Catrìona ag obair ann am Muileann Gheocrab bho 1970 gu 1975, nuair a bha an t-à ite a' deanamh clò dùbailte agus air a ruith le Coinneach "Garry" MacIllEathain, à Gearraidh na h-Aibhne. Bha i ag obair do sheirbheis cuideachadh taighe bho 1986 gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 1998.
Bha deagh ghuth seinn aig teaghlach a h-athair, aig Fionnlagh fhèin agus aig a bhrà ithrean, Eòghainn agus Iain. Bha cuimhne mhath aig a mà thair, Leacsaidh, air òrain na sgìre agus bha Coinneach Mà rtainn, brà thair a mà thar, a' dèanamh òrain. Bidh nighean Chatrìona, Catrìona Raonaid Mhoireasdan, a' seinn aig cèilidhean an-drasta 's a-rithist.
Fhuair Catrìona cuid de h-òrain bho Chairistiona Sheadha, a bha, mar a bha a piuthar Peigi Mhoireasdan, air leth fiosrach air òrain agus an eachdraidh aca, a bharrachd air a bhith sònraichte air an seinn.
Bha Catriona airson bliadhnaichean na ball de Bhuidheann Luadh na Hearadh, a bhiodh rin cluinntinn aig taisbeanaidhean, cuirmean-ciùil is fèisean an eilein. Choisinn i a' chiad duais ann an co-fharpais an t-Seann Nòis aig Mòd Thobar na Mà thar, ann an 1983. Dà bhliadhna an dèidh sin chaidh feadhainn de cuid òrain a chlà radh air cèiseag, fon ainm 'S Toigh Leam Fhèin.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.