Rugadh Alasdair MacFhearghais ann an Sruparsaig as na Hearadh air 14 MÃ rt, 1869
"Fhuair mi mo ghibht on Àrd Rìgh
'S mi nam naoidhean am broinn mo mhà thair
'S rugadh mi le spiorad bà rdachd
Gu bhith geà irdeach air mo theangaidh."
A rèir Ruaraidh Dòmhnallach, Ruaraidh Eòghainn, e fhèin à Cliubhar, 's e a' bruidhinn air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 26/08/1986, b' e seo am freagairt a thug Alasdair MacFhearghais, Alasdair Iain 'ic Alasdair, Bà rd Chliubhair air taobh sear na Hearadh, do dh'fhear a dh'fhaighnich dha ciamar a thòisich e air òrain a dhèanamh.
Cha do phòs Alasdair a-riamh, agus bha e a' fuireach ann an taigh beag tughaidh còmhla ri phiuthar, seanmhair Raonaid NicLeòid a bha a' cuimhneachadh air, air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 26/08/1986:
"Duine à rd, cruaidh, dubh, dorcha. Falt dubh air, moustache mhòr air, fear de na moustaches mhòr a bh' ann o chionn fhada, 's iad air an toinneamh ann a' seo ris a' bheul. 'S e duine mòr, snog a bh' ann, duine tapaidh."
Agus thuirt i cuideachd mu dheidhinn:
"Duine ceart, onarach, dòigheil. Bha e cas gun teagamh, ach duine onarach."
Bha Bà rd Chliubhair na iasgair, ag obair an toiseach air bà ta air an robh an Advance agus, nuair a dh'fhas i sin dona, air tèile air an robh Maggie Stewart. Feumaidh gur e duine là mhchair a bh' ann, oir bhiodh e cuideachd a' dèanamh rudan mar snà thadan-lìon agus putaichean le craiceann caorach.
Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus bha e measail air clann. Mar a chuimhnich Raonaid:
"Bha fios againn air The Battle of Stirling Bridge mas deach sinn dhan sgoil. Bhiodh e ga innse dhuinn. 1297! William Wallace agus Robert the Bruce! Bha e keen air na rudan sin."
Thòisich e ri bà rdachd 's e glè òg, a rèir Raonaid:
"A' chiad òran a rinn e, 's ann dha mhà thair. Chuir i don Tairbeart e dh'iarraidh message a choireigineach. 'S bha i a' dèanamh lite, 's dh'fhalbh e 's ruith e. 'S e duine mòr tapaidh a bh' ann.
Dh'fhalbh e chun an Tairbeart 's cha robh e an uair sin ach dà bhliadhna dheug. Agus bha e cho clever a' tilleadh dhachaigh 's nach do chreid i gu robh e air an Tairbeart, gun do sheall e a' rud a chuir i a dh'iarraidh, rud a bh' aige na phòcaid. Ach shlais i e mun do sheall e sin. Bha i a' smaoineachadh gur e na breugan a bha e ag innse, nach robh e air an Tairbeart idir.
Agus thòisich e a' dèanamh òran dhi ach chan eil sgeul air an t-òran sin an-diugh."
Na dhuine òg chaidh Alasdair a thogail dhan arm, agus bha e ann an Afraga aig à m Cogadh nam Boers.
Là na Sà baid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blà th anns na Gà idheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.
Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonaparte
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.
Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh còirneileir eòlach misneachail
Gum bi na nà imhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.
Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann, 's math-ghamhainn
Chan fhac a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu fac' e 'n Gà idheal le fhèileadh tartain ann.
Bha sgeulachd aig Raonaid mu Alasdair an Afraga:
"Ann an Afraga bha e air sentry, 's cha robh aige ri duine a leigeil seachad. 'S thà inig a' fear seo co-dhiù, agus 's e Lord Kitchener a bh' ann. Agus dh'iarr e seachad.
"No!" Agus, "Halt! Who goes there?"
'S bha Lord Kitchener airson a dhol seachad anyway. 'S rug Alasdair air 's chuir e an comhair a chùil dhan abhainn e. Bha abhainn faisg air, 's chuir e dhan abhainn e! Cha robh fios aige gur e Lord Kitchener a bh' ann. Agus chaidh a chuir dhan abhainn co-dhiù agus thà inig fear a mhuinntir Bheà rnaraigh na Hearadh far an robh e là rna-mhà ireach 's thuirt e ris:
"Well" ars esan. "Am fear a chuir Lord Kitchener dhan abhainn a-raoir thathar a' dol ga chrochadh an-diugh."
Agus theab am bà rd bochd a dhol às a rian. Ach bha e rewarded airson a' rud a rinn e!"
Rinn Alasdair MacFhearghais òrain air iomadh cuspair. Mar eisimpleir, nuair a chaidh fearann a' mhachaire a thoirt air ais do chroitearan taobh sear na Hearadh:
Ged tha 'm machair brèagh' gu leòr
'S e cho còmhnard ri là r;
'S iomadh rud tha gann san stòr
A tha pailt anns na BÃ igh.
Rinn e òrain air cuspairean leithid an dèideadh agus radain Afraga, na bà taichean air an robh e ag iasgach, duilgheadas le bò a' breith, agus turas a chaidh e fhèin fo lannsa ann an Steòrnabhagh.
Mar a dh'innis Raonaid:
"Bhiodh an taigh là n a h-uile h-oidhche ach an cluinneadh iad ag òran e. 'S a h-uile duine riamh a' toirt unnsa tombaca dha ach an cluinneadh iad, 's gun dèanadh e... dhèanadh e rann ann am mionaid, dìreach seconds 's bha e a-mach aige mar gum bithinn-s' a' bruidhinn an-drà sta."
Bha Ruaraidh Eòghainn tric ann an cuideachd a' bhà ird:
"Bha e uabhasach doirbh toirt air òran a ghabhail. Bha e math orra cuideachd. Ach nuair a thòisicheadh e, bha e coma cuin a sguireadh e."
Rinn Alasdair laoidhean agus dà in spioradail leithid Laoidh Aonghais Mhòir Sheonaidh cuideachd. Nuair a bha e a' fà illigeadh shamhlaich e e fhèin ri "seilcheag madainn samhraidh falbh gu fann air bhà rr an fheòir", 's thuirt e:
Bha mi uair cho aotrom ris an fhaoileig air a' chuan
'S tric a bha mi smaoineachadh nach tigeadh m' aois cho luath;
Ach tha mi nis air fà illneachadh 's mo chnà mhan air fàs truagh
Le rheumatis nam ghà irdeanan ged bu là idir iad aon uair.
Dh'fhà g Bà rd Chliubhair an rann seo airson a chur aig a cheann nuair a chaochaileadh e:
Fhir a leughas aig mo cheann
Thug Dia mi leis nuair thà inig m' à m;
'S cuimhnich gum bi thusa mar seo
Dh'aindeoin uaill no neart no moit.
Mur faigh thu Crìosd dha d' anam fèin
'S tu neach as truaighe bhios fon ghrèin;
Bidh Sà tan a' tighinn dhutsa dlùth
Gad tharraing sìos don t-sloc gun ghrunnd
Far nach dèan an teine cnà mh;
Cur d' earbs' an Dia mun tig am BÃ s.
Chaochail e ann san t-Samhain 1947.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.