Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn, còmhlan-ciùil à rd-sgoil mhicNeacail, Kirsteen Ghrannd agus na còisirean.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn, còmhlan-ciùil à rd-sgoil mhicNeacail, Kirsteen Ghrannd and na còisirean.
Dh'iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn
Is sheinn a' bhean-shìth a tòrman mulaid;
Gorm shùilean ciùin san Dùn a' sileadh
On thriall thu bhuain 's nach till thu tuilleadh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Cha till, cha till, cha till MacCriomain
An cogadh no sìth cha till e tuilleadh;
Le airgead no nì cha till MacCriomain
Cha till e gu brà th gu latha na cruinne.
Tha osag nam beann gu fann ag imeachd,
Gach sruthan 's gach allt gu mall le bruthach;
Tha ealtainn nan speur feadh gheugan dubhach
A' caoidh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.
Tha 'n fhairge fa dheòidh là n bròin is mulaid,
Tha 'm bà ta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal;
Tha gà irich nan tonn le fuaim neo-shubhach,
Ag rà dh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.
Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar,
'S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt;
Gach fleasgach is òigh gun cheòl, gun bheadradh,
On thriall thu uainn 's nach till thu tuilleadh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
A rèir na sgeòil b' e piuthar do Dhòmhnall 'Bà n MacCruimein' a rinn facail an òrain seo. Bhuineadh Dòmhnall Bà n don teaghlach ainmeil a bha air am fastadh mar phìobairean thairis air ginealaich le cinn-cinnidh Chloinn 'icLeòid Dhùn Bheagain as an Eilean Sgitheanach.
Tha sgeulachd ann a tha ag innse gun do rinn Dòmhnall Bà n fhèin am fonn an oidhche mus do dh'fhalbh e à Dùn Bheagain a shabaid air taobh nan Seumasach ann an 1745. Bha e air a rà dh gu robh fios aige nach robh e dol a thilleadh agus gu dearbha gun deach a mharbhadh air Diciadain 16 Gearran, 1746, aig Ruaig na Mòighe nuair a dh'fheuch riaghaltas Bhreatainn ri feachd a' Phrionnsa Teà rlach a ghlacadh gun fhiosta aig Mòigh.

Rugadh Kirsteen Ghrannd ann an Glaschu, nighean le Mairead NicAonghais agus Dòmhnall Grannd à Camas Cros as an Eilean Sgitheanach. Tha brà thair aice, ...
Fiosrachadh air Kirsteen Ghrannd / Learn more about Kirsteen Ghrannd
Chaidh Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghà idhlig Bhaile GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.