
Rugadh Kirsteen Ghrannd ann an Glaschu, nighean le Mairead NicAonghais agus Dòmhnall Grannd à Camas Cros as an Eilean Sgitheanach. Tha brà thair aice, Aonghas.
Chaidh a h-athair, Dòmhnall, a chrùnadh mar Bhà rd a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1935 agus, ged a bha obair là n-ùine aige mar cheannard-sgoile, bha e aig amannan eadar-dhealaichte na neach-deasachaidh air an iris An Gà idheal agus na Cheann-suidhe air a' Chomunn Ghà idhealach agus gu mòr an sàs ann an Comann Sgitheanach Ghlaschu. A bharrachd air bà rdachd, bhiodh e a' sgrìobhadh dealbh-chluichan agus sgeulachdan goirid.
Fhuair Kirsteen a h-oideachadh ann an ceòl agus cuspairean ealain an Oilthigh Ghlaschu mus do lean i oirre le foghlam aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba, an RSAMD. Fhuair i an tuilleadh ionnsachadh anns an Eadailt agus ann an Lunnainn. Choisinn i Sgoilearachd Caird a chuidicheas luchd-ciùil a dhol gu à itichean air falbh bhon dachaigh airson ionnsachadh fhaighinn aig à rd-ìre.
Tha Kirsteen, a tha pòsta aig Iain MacIllEathain à Bhatarnais san Eilean Sgitheanach, air a bhith a' teagasg ann an Sgoil-chiùil Douglas Academy ann am Muileann Dhaibhidh air iomall Ghlaschu, sgoil a tha na sà r ionad-ciùil nà iseanta. Tha i tric air a bhith na britheamh aig iomadh fèis ciùil.
Tha Kirsteen dèidheil air a bhith a' seinn ann an iomadh stoidhle eadar-dhealaichte, opara agus oratorio nam measg, ach aidichidh i fhèin gur e òrain Ghaidhlig is cudromaiche dhith, co-dhiù tha i a' seinn leatha fhèin no a' stiùireadh còisir.
Choisinn i an t-Aigeallan Airgid aig Mòd 1963 agus Bonn Òr a' Chomuinn aig Mòd Obar Dheathain ann an 1964, agus tha i air a bhith a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, bho 1991.
Fo a stiùir ghlèidh iad prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdain ann an 1997, 2001 agus 2003. Tha iad air a bhith a' seinn aig an Eisteddfod Eadar-nà iseanta an Llangollen, aig an Fhèis Phan-Ceilteach an Èirinn agus aig Mòd Bhancoubhar.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.