Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacIllEathain (Calum Beag Chaluim Iain Aonghais) agus air a sheinn le: Dòmhnall MacRath agus Murchadh Dòmhnallach (Wasp).
This is a song written by: Calum MacIllEathain (Calum Beag Chaluim Iain Aonghais) and sung by: Dòmhnall MacRath and Murchadh Dòmhnallach (Wasp).
O, Leòdhais mo ghrà idh, dèan innse dhomh an-drà st'
An à m dhomh bhith fà gail do ghlinn,
'N tèid mi thairis air sà il 'n dùil tilleadh gu brà th
No an slà n le mo Thà bost a-chaoidh?
Am faic mise tuilleadh a' ghrian ri dol sìos
'N taobh siar de Eilean mo ghrà idh?
No 'n cluinn mi na buillean bhios tonnan a' chuain
A' bualadh bith-bhuan air a thrà igh?
Cha b' fhada bha 'n t-seachdain dol seachad an Leòdhas
An comann nan eòlach 's luchd-gaoil.
Chan fhaod mise fuireach ged 's duilich an-drà st'
Dhomh fà gail Eilean an Fhraoich.
'S na balaich a dh'fhàs sa bhaile-s' leam 'n à ird
'N-diugh sàs air muir agus tìr;
An nà mhaid gun thruas - ach gheibh sinn a' bhuaidh
Ged 's goirt agus cruaidh oirnn a' phrìs.
Gus an dùinear ar sùil sa chadal 's nach dùisg
Cha chuir sinn ar cùl air a' bhlà r:
Son aon a thèid sìos bidh còrr agus ceud
Gun fhiamh a sheasas nan à it'.
Nuair thà inig 'n ath-dhoras dhuinn naidheachd a' bhà is
Mo chrà idh-s' chan urrainn dhomh inns',
'S mo charaid na shuain an doimhneachd a' chuain:
Tha an smuain gu briseadh mo chrìdh'.
'S gu saoil leam gur 'n-dè bha mise 's e fhèin
Toirt ceum nan cladaichean à rd,
'S le gòraich na h-òig' cur ruaig air na h-eòin
Bhiodh beò sna creagan len à l.
Ged bhios mise thall an dùthaich nan Gall
Is tric mi sna gleanntan nam smaoin;
'S a' cromadh don chladach moch madainn gu trà th
'S mo charaid mar bha ri mo thaobh.
Gach cnoc agus beann, gach sruthan is allt,
Gach gleann tha 'n eilean mo ghaoil,
Mas nì e nach till, 's nach bi mise leibh,
O, 's math bhios mo chuimhn' air gach aon.

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath
Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Dhol no "Wasp" air an dara latha den Lunastal, 1947, ann an Siadar air taobh siar Leòdhais. Bha aona bhrà thair aige, ...
Fiosrachadh air Murchadh Dòmhnallach (Wasp) / Learn more about Murchadh Dòmhnallach (Wasp)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.