Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLachlainn (An Lighiche) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, Eà irdsidh Grannd, Mà iri NicAonghais agus sheena walker.
This is a song written by: Iain MacLachlainn (An Lighiche) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, Eà irdsidh Grannd, Mà iri NicAonghais and sheena walker.
O fà ilte ort fhèin, a chuthag ghorm,
Led òran ceòlmhor milis!
'S e seirm do bheòil sa Chèitein òig
A thogadh bròn o m' chridhe.
'S ro bhinn leam d' fhuaim sa mhadainn Chèit'
'S tu air bhà rr geug san innis,
No am feasgar ciùin aig bun nan stùc
Nuair bhiodh an drùchd a' sileadh.
O innis cà ite an robh do thriall
Nuair bha na siantan fionnar,
No an robh thu 'd thost, gun chà il, gun toirt
An còs a' chnuic fo dhubhar?
'S mòr m' fharmad riut, a chuthag chòir,
Cha dèan thu bròn nad shiubhal,
Chionn tha do dhoire daonnan gorm
'S do chridhe an còmhnaidh subhach.
Ged theicheas tu ron fhuachd air à m
Gum faic do ghleann thu rithist,
Ach nuair bheir mise ris mo chùl
Cha bhi mo dhùil ri tilleadh.
'S truagh nach b' urrainn domh leat triall
Air astar sgiath nar dithis,
Le caismeachd bhinn toirt fios gach à m
Nuair bhiodh an samhradh tighinn.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
A rèir Eòghainn Mhic a' Phì air prògram Gà idhlig a' BhBC air 25/05/1953 cha robh ceòl idir ris an òran an toiseach. Chòrd na briathran cho math ri Calum MacPhà rlain 's gun do dh'fheuch e ri fonn a chuir orra, ach dh'fhairtlich sin air. Sgrìobh e gu Gilleasbaig MacFhearghais bha os cionn còisir ciùil Ghà idhlig Eaglais Chaluim Chille a' faighneachd dha am feuchadh e fhèin air. Fhreagair Gilleasbaig gu feuchadh e nan cuireadh Calum MacPhà rlain facail ri seann fhonn eile a chuireadh MacFhearghais thuige. Mar sin fhuair sinn da òran ùr, Don Chuthaig agus Mo Dhachaigh.

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air MÃ iri NicAonghais / Learn more about MÃ iri NicAonghais
Ged a rugadh Eà irdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gà idhlig mar chiad chà nan. Bha e seachd bliadhna ...
Fiosrachadh air Eà irdsidh Grannd / Learn more about Eà irdsidh GranndCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.