Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Moireasdan agus air a sheinn le: Ceitidh Anna NicLeòid agus còisir sgoil shiaboist.
This is a song written by: Dòmhnall Moireasdan and sung by: Ceitidh Anna NicLeòid and còisir sgoil shiaboist.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hì rì o rì rì, togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' chuain;
Eilean beag Leòdhais, dachaigh nan seòid
A chumas an còmhrag suas;
Eilean nan tonn a dh'Ã raich na suinn
'S a chuidich an Fhrà ing gu buaidh,
Còmhla ri chèile togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' Chuain.
Bha Ghearmailt ealamh 's i sealladh mun iar
'S an domhain ma b' fhior na dòrn;
A rùn air cogadh 's i togail a sà th
De chaistealan à lainn ceò;
Clach-stèidh am bunait air gainneamh na trà ghad,
Am mullach gu h-à rd sna neòil
'S earball-sà il na h-Iuthairn a h-à it'
Nuair thig am muir-là n na còir.
A Dhia, bi maille ri muinntir a' bhròin,
'S na fir a tha leòinte, tinn,
Bho ìnean guineach na h-iolair' a bhòc
Air fuil agus feòil do chloinn;
Tha gaoth an fhir-mhillidh na itean, 's a chròg
A' druideadh mu sgòrnan teann,
Tha 'n leòmhann a' fà sgadh Uilleam a DhÃ
Is spiollaidh i chnà mhan lom.
Do là mh, a charaid, gu Eilean a' chuain
'S a h-eallach cho cruaidh is trom.
Tha 'm bàs le cabhaig a' sgathadh 's a' buain
Gun duine nì suas a call.
Tha 'n òigridh sgoinneil a sheòlas na caoil
An à ite nan laoch a bh' ann,
Gun bhonaid, gun bhròig, a' siubhal nan raon
An Eilean an Fhraoich ud thall.
O 's là idir na bannan gam tharraing a-null
Gu Eilean beag donn MhicLeòid,
'S gu stiùir mi gu h-ealamh gu cala mo long
Nuair ruigeas mi ceann mo lò.
'S ma ghreimicheas m' acair ri Carraig nan Àl
Bidh m' anam tighinn sà bhailt' beò,
Mo shiùil air am pasgadh am fasgadh Chill Sgà ir
Lem athair 's mo mhà thair chòir.
Rugadh Ceitidh Anna NicGilleathain, Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain à 17 Ceann a Deas Bhrà gair air 18 Ògmhios, 1913. Phòs i fear a bha a' ...
Fiosrachadh air Ceitidh Anna NicLeòid / Learn more about Ceitidh Anna NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.