Rugadh Eachann MacFhionghain ann am Beà rnaraigh air 26 Dùbhlachd, 1886. Fhuair e a' bhà rdachd bho dà thaobh. Bhuineadh cuideachd athair, Fionnlagh Bà n, do Mhuile agus bha cà irdeas aige ri Bà rd Tighearna Chola. Bha Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh ann an sloinneadh a mhà thair.
Anns a' chiad chogadh nuair a chaidh am bà ta air an robh e, an Ermine, a chuir fodha aig na Dardanelles, chuala Eachann guth Dhè a' labhairt ris anns a' ghà bhadh anns an robh e. B' ann ri linn sin a thà inig atharrachadh na bheatha.
Thill e a Bheà rnaraigh an dèidh a' chogaidh. Phòs e Ceit NicLeòid, Ceit Ruaraidh Chùbair, agus bha ceathrar a theaghlach aca; Nellie, Ruaraidh, Mà iri agus Donnchadh. Bha e ri postaireachd fad 35 bliadhna gus na leig e seachad e an 1951. Bhiodh e fhèin agus a bhrà thair ag aiseag nam pocannan de litrichean is de pharsailean à Uibhist agus gan toirt gu dachaighean air feadh an eilein. 'S iomadh riasladh is cruadal a bha an cois na h-obrach seo, ach dh'fhà g e gu robh Eachann eòlach air gach dachaigh an Beà rnaraigh.
Dhèanadh e rann beag eirmseach an là rach nam bonn mu gach annas mun cluinneadh e, no a chitheadh e, air a chuairt. Mar eisimpleir, turas is e air cunntas a phà igheadh ann am Bùth Ailig, fhuair e ann an iomlaid seann sgillinn a bha a' coimhead car dorcha. Ars esan:
A' sgillinn a thugadh don Bhà rd
'S ann Dimà irt a fhuair e i;
Feumaidh gu robh i san à irc
'S e sin a dh'fhà g cho duanaidh i.
Turas eile agus e aig coinneamh-taighe an taigh Aonghais Ruaraidh Chùbair ann am Brùsda, fhuair na bh' ann cupa tì an dèidh an adhraidh. Nuair a chunnaic Eachann boireannach a bha na suidhe ri thaobh a' faighinn truinnsear là n bìdh, mach a thà inig an ceathramh seo:
Ma dh'itheas tu na fhuair thu
Cha ghluais thu 's cha chà raich thu;
'S e tractar Aonghais Ruaraidh
Chuireas sìos dhachaigh thu.
Gu h-à raidh nuair a bha e òg, bha Eachann a' cur an cèill ann an òrain cho fìor mheasail agus a bha e air Beà rnaraigh agus air muinntir Bheà rnaraigh. Rinn e na ficheadan de dh'òrain air iomadh cuspair, cogadh is sìth, beatha is bà s, grà dh agus grà dh dùthcha, maise nà dair, cumhaichean is marbhrainn, laoidhean agus dà in spioradail.
Bhiodh e tric an ceann an adhraidh an Eaglais Chùl na Beinne, gu h-à raidh nuair a bha an coitheanal gun mhinisteir stèidhichte. Anns an laoidh mu dheireadh a rinn e, tha e ag iarraidh air an luchd-èisteachd gabhail ri Crìosda ann an là ithean a' chothroim 's an t-slà inte:
Tha à m gu tighinn 's am gu triall
Mar lìonadh agus trà ghadh;
Tha à m gu cur is à m gu buain
Le teas is fuachd gu brath.
Tha à m gu gul is à m gu bròn
Tha à m gu ceòl is gà ir;
Tha à m gu ùrnaigh air ur glùin
A' tabhairt ùmhlachd dha.
Nuair a chaochail Eachann air 22 Dùbhlachd, 1954, rinneadh co-dhiù còig marbhrannan dha. Bha aon dhiubh sin air a dhèanamh le gille òg à Beà rnaraigh, mar a dh'innis an t-Ollamh Urr. Ruaraidh MacLeòid ann am prògram a rinn e mu Eachann do Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 24/03/1999:
"Bha Dòmhnall Mà rtainn, seòladair òg à Beà rnaraigh, a' marcachd nan tonn nuair a chual' e gun do dh'eug an curaidh spioradail seo. As a' chumha a rinn esan do Eachann, tha e a' leigeil fhaicinn gu robh buaidh iongantach aig a' bhà rd le a nà dar blà th 's le bhriathran glice air òigridh an eilein. Tha Dòmhnall Mà rtainn a' dèanamh luaidh air Eachann mar fhear ùrnaigh a bhiodh an còmhnaidh a' tagradh as leth chà ich:
"Tha là rach do ghlùin 's gach cùil an eilean mo ghrà idh
Far am biodh tu a' lùbadh ag ùrnaigh a dh'oidhche 's a là ."
Agus tha e a' cuimhneachadh air mar a bha mòran eile a bha ga chaoidh mar:
Fear crathadh mo là mh le bà igh nuair thiginn nad chòir
'S e dhùraigeadh slà int' do chà ch tha fuireach sa chrò."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.