Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: Coinneach Ros, Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill agus moira nicCholla.
This is a song written by: Iain Camshron and sung by: Coinneach Ros, Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill and moira nicCholla.
O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil;
Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach
Chan fhà gainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.
Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim,
'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas;
Chan eil gleann eil' air Ghà idhealtachd bheir bà rr ort an snuadh;
Gur mis' tha fo chrà dh-lot bhith 'n-drà st' cho fad uat.
Gleann farsaing, fìor mhonadh, dhìrinn e suas,
Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhaileach tuar;
Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';
Chan eil nì a rinn nà dar nach fàs air do bhruaich.
'S e mo mhiann is mo dhùrachd bhith dlùth dhut a ghnà th
'S a bhith cuallach na sprèidhe mach rid rèidhleanan à rd;
Iad a' mireag 's a' leumraich, iad fèin 's an cuid à il,
'S bu bhinn' leam an geumnaich na teudan nan clà r.
Nuair dh'èireas a' ghrian bu chiatach bhith ann,
'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann;
I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig
Cur fà ilte len ceòl air a mòrachd san speur.

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhrà ighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...
Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach RosChaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.