Rugadh Iain Camshron, Bà rd Phà islig mar a theirte ris, ann an Eilean Luing sa bhliadhna 1865 ach ghluais an teaghlach gu Baile Chaolais nuair a bha e mu dhà bhliadhna a dh'aois agus sin far na thogadh e.
Bha e cà irdeach do dh'Alasdair MacFhionghain a rinn 'Blà r na h-Èipheit' agus An Dubh Ghleannach. Cha robh e ach na ghille òg nuair a chaidh e gu deas agus rinn e a dhachaigh ann am Pà islig.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 16 Dà mhair, 1936, thuirt Iain A. MacNeacail mu dheidhinn:
"A thuilleadh air neart is foghainteachd cuirp, chaidh buadhan inntinn a bhuileachadh air ann an tomhas ro phailt, gu h-à raidh a thaobh meomhair, agus is mòr a chuimhne air òrain, sgeulachdan agus fuinn. A bhà rr air a' sin tha cluas chiùil ghèir aige agus comas gu fuinn a dheilbh nuair a dhùisgeas a shunnd. Na òige, nam b' e rud e 's gun cluinneadh e òran ach aon uair, bhiodh e gu grad suidhichte daingeann air aire. Anns an dòigh seo bha a mheomhair na là n stòras air sà r fhonn, dhuanagan agus òrain a dhùthcha."
Lean MacNeacail air:
"Thug e còrr is sia fichead fonn nach robh riamh roimhe an clò don Chomunn Ghà idhealach. Nam measg tha fuinn a tha an-diugh ainmeil agus cumanta air feadh an t-saoghail – Beinn Dòbhrain, 'Ã’ran an t-Samhraidh', 'Blà r na h-Èipheit', Ã’ran Mòr 'IcLeòid agus gu h-à raidh Coire Cheathaich. 'S ann tron an fhonn seo a chuir Iain Camshron agus Calum ²Ñ²¹³¦±Ê³óà °ù±ô²¹¾±²Ô, nach maireann, eòlas air cà ch a chèile agus b' e sin cà irdeas a lean gu daingeann dlùth am fad 's bu bheò Calum.
"Bha ²Ñ²¹³¦±Ê³óà °ù±ô²¹¾±²Ô a' sgrùdadh na dùthcha air sgath a' Chomuinn airson an fhuinn seo, agus air latha sònraichte thachair e ri Iain air srà id a' bhaile.
"A bheil fonn Coire Cheathaich agad?" arsa Calum.
"Tha" thuirt Iain air a shocair, agus air ball ghabh iad fasgadh anns a' chiad à ite freagarrach agus an sin sgrìobh Calum am fonn bho dheachdadh agus stiùireadh a' Chamshronaich."
Thuirt MacNeacail gun d' thug Iain Camshron trì fichead fonn do Chaluim ²Ñ²¹³¦±Ê³óà °ù±ô²¹¾±²Ô. Choisinn Iain prìomh dhuais aig Mòd Shruighlea ann an 1909 le fonn a chuir e air 'Mo Ghrà dh Geal 'S Mo Rùn', bà rdachd le Mà iri NicEalair.
A dh'aindeoin 's gu robh e leth-cheud bliadhna is còrr, nuair a thòisich an Cogadh Mòr ann an 1914, chaidh Iain Camshron a dh'Inbhir Nis agus ghabh e anns na Camshronaich.
A rèir MhicNeacail, "Bha iomadh duine sgairteil anns an Camshronaich ach, ma bha, cha robh còta no fèileadh rim faotainn a fhreagradh don bhà rd is cha robh air ach gum b' fheudar deise a dhèanamh dha fhèin a-mhà in."
Thà inig e slà n tron chogadh agus bha e beò gu 1951. Thuirt MacNeacail san dealachadh:
"Chan eil mòran ann a thig suas ris mar sheanachaidh no mar là n fhear-ciùil. Gun uaill, gun phròis, the e cho geur ris an sgithinn, cho ait 's a bha e na bhalach, cho beag cron na lochd ris an deilein-dè, agus cho uasal 's bu dual do fhear de chinneadh a bhith. Ged a tha e là n fealla-dhà is sùgraidh, cha chualas riamh aoir bho bhilean na lideadh eile a bheireadh masladh air a bhuadhan mar bhà rd."
Tha grunn dhe na h-òrain aig Iain Camshron, Bà rd Phà islig, air an seinn fhathast, nam measg Air Fail il o Iriag, 'Taobh Loch Eite', Gaol nan Cruinneag agus, ma dh'fhaodte am fear as ainmeile, Gleann Bhaile Chaoil.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.