Òran air a sgrìobhadh le: cairistìona nicFhearghais agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid agus Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: cairistìona nicFhearghais and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid and Mà iri Anna NicUalraig.
Och a Theà rlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo
lèireadh;
thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhà gte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach
lèine,
Mo rùn geal òg.
Cò nis thogas an claidheamh no nì chathair a lìonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad
ghrà dh;
ach ciamar gheibhinn om nà dar a bhith 'g à icheadh nas
miann leam
is mo thogradh cho là idir thoirt gu à ite mo rìgh math,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da
bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's
bu dealbhaich;
cha bu tà illear gun eòlas dhèanadh còta math geà rr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheà rr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.
Bu tu pòitear na dibhe 'n à m suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phà igheadh ged thuiteadh cà ch mu na
bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiù leat, cha do dh'ionnsaich
thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cùis air tè air chùl do mhnÃ
pòsta,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh baintighearna phrìseil, len sìoda 's len
sròlaibh,
dan robh mis' nam chùis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu
pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead
Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-à ithntean nan cumadh cà ch sinn bho
phòsadh,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh bean a tha brònach eadar Trondairnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam
chèile.
bha mise là n sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chùis fharmaid mi fhìn
dhaibh,
Mo rùn geal òg.
Gura mise th' air mo sgaradh, is ge do chanam, cha bhreug
e,
is iomadh tè bha na banntraich nach d' fhuair samhladh dem
chèile,
fear do chèille 's do thuigse cha robh furasta ri
fhaotainn;
's cha do sheas air Cùil Lodair fear do choltais bu
trèine,
Mo rùn geal òg.
Och nan och, gur mi bochdag, 's mi là n osnaich
an-còmhnaidh -
chaill mi dùil ri thu thighinn, thuit mo chridhe gu
dòrtadh;
cha tog fidheall no clà rsach, pìob no tà ileasg no ceòl e -
nis o chuir iad thu 'n tasgadh, cha dùisg caidreabh duin'
òg mi.
Mo rùn geal òg.
Bha mi greis ann am barail gum bu mhaireann mo chèile,
's gun tigeadh tu dhachaigh le aighear is le faoilteachd,
ach tha an t-Ã m air dol thairis is chan fhaic mi fear d'
eugais
is gus an cuir iad mi san talamh cha dealaich do ghaol
rium,
Mo rùn geal òg.

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a mà thair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gà idhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.