Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Ceana Chaimbeul, donnchadh heads agus Seumas Greumach.
This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Ceana Chaimbeul, donnchadh heads and Seumas Greumach.
Gu bheil mi 'm ònrachd sa choille ghruamaich
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn;
Fhuair mi 'n t-à ite seo 'n aghaidh nà dair,
Gun thrèig gach tà lanta bha nam cheann;
Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann
Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
Chaill mi Ghà idhlig seach mar a b' à bhaist dhomh
Nuair a bha mi san dùthaich thall.
Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh
Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
'S e mheudaich bròn dhomh 's a lughdaich sòlas
Gun duine còmhl' rium a nì rium cainnt.
Gach latha 's oidhche 's gach car a nì mi
Gum bi mi cuimhneachadh anns gach à m
An tìr a dh'fhà g mi bha 'n taic an t-sà ile,
Ged tha mi 'n-drà st' ann am brà ighe ghleann.
Chan iongnadh dhomh-sa ged tha mi brònach,
Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nambeann,
Am meadhan fà saich air Abhainn Bhà rnaidh
Gun dad as fheà rr na buntà ta lom.
Mun dèan mi à iteach 's mun tog mi bà rr ann
Is a' choille ghà bhaidh chur às a bonn
Le neart mo ghà irdein gum bi mi sà raichte,
Is treis air fà ilinn mum fàs a' chlann.
Is i seo an dùthaich sa bheil an cruadal
Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
A rinn len tuairisgeul ar toirt ann.
Ma nì iad buannachd cha mhair i buan dhaibh;
Cha dèan i suas iad 's chan iongnadh leam,
Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
Bidh gealladh là idir ga thoirt an trà th sin,
Bidh cliù an à ite ga chur am meud;
Bidh iad ag rà dhtainn gu bheil bhur cà irdean
Gu sona saidhbhir gun dad a dh'èis.
Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-sa
Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh;
Ma thig sibh sà bhailt, nuair chì sibh iadsan,
Chan fheà rr na stà tachan na sibh fèin.
An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh
Is ann leis na breugan a nì iad feum,
Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
Is an cridhe a' dìteadh na their am beul.
Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
Gach nì as prìseile tha fon ghrèin;
An uair thig sibh innte gur beag a chì sibh
Ach coille dhìreach toirt dhuibh an speur.
An uair thig an geamhradh is à m na dùbhlachd
Bidh sneachd a' dlùthadh ri cùl nan geug,
Is gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
Is ge math an triùbhsair cha dèan i feum
Gun stocainn dhùbailt sa mhocais chlùdaich
Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
B' e am fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich
Gum faigh mi reòite mo shròn 's mo bheul,
Le gaoith a tuath a bhios neimheil fuaraidh
Gum bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha an reothadh fuathasach, cha seas an tuagh ris,
Gum mill e a' chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blas di, gum brist an stà ilinn,
Is gun dol don cheà rdaich cha gheà rr i beum.
An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein
Bidh teas na grèine gam fhà gail fann;
Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
A bhios fo èislean air feadh nan toll.
Na mathain bhèisteil gun dèan iad èirigh
Dhol feadh an treud, is gur mòr an call:
Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
Gun dèan i m' aodann gu h-olc a chaobadh,
Chan fhaic mi an saoghal, 's ann bhios mi dall;
Gun at mo shùilean le neart a cungaidh,
Ro ghuineach drùidheach tha sùgh a teang'.
Chan fhaigh mi à ireamh dhuibh ann an dà nachd
Gach beathach grà ineil a thogas ceann;
Is cho liutha plà igh ann 's a bha air Rìgh Phà ro
Airson nan trà illean, nuair bhà th e an camp.
Gur h-iomadh caochladh tighinn air an t-saoghal
'S ro-bheag a shaoil mi nuair bha mi thall;
Bu bheachd dhomh 'n uair sin mun d' rinn mi gluasad
Gum fà sainn uasal nuair thiginn nall.
An car a fhuair mi cha b' ann gum bhuannachd
Tighinn thar a' chuain air a' chuairt bha meallt'
Gu tìr nan craobh anns nach eil an t-saorsainn,
Gun mhart, gun chaora, 's mi dh'aodach gann.
Gur h-iomadh ceum anns am bi mi an dèislà imh
Mun dèan mi saidhbhir mo theachd an tìr;
Bidh m' obair èigneach mun toir mi feum aiste,
Is mun dèan mi rèiteach airson a' chroinn:
Cur sgonn nan teinntean air muin a chèile
Gun do lasaich fèithean a bha nam dhruim,
Is a h-uile ball dhìom cho dubh a' sealltainn,
Bidh mi gam shamhlachadh ris an t-sùip.
Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgead,
Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
Ma geibhear cunnradh air feadh nam bùthan
Gum pà ighear null le flùr no ìm.
Chan fhaic mi margadh no latha fèille
No iomain feudalach ann an dròbh,
No nì nì feum dhuinn am measg a chèile:
Tha an sluagh nan èiginn sa h-uile dòigh.
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbhfhaich,
A' reic na shealbhaicheas iad an còir;
Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air
Ga chur don phrìosan mur dìol e an stòr.
Mun tig na cùisean à taigh na cùirte,
Gun tèid an dùblachadh aig a' mhòd;
Tha an lagh a' giùlan o là imh na jury
Gun tèid a spùinneadh 's nach fiù e an còrr.
Bidh earraid siùbhlach air feadh na dùthcha
Gan ruith le cunntasaibh air an tòir;
Gur mòr mo chùram gun tig e am ionnsaigh:
Cha ghabh e diùltadh 's bidh diùbhail oirnn.
Chan fhaigh mi innse dhuibh anns an dà n seo,
Cha dèan mo nà dar a chur air dòigh
Gach fios a b' à ill leam thoirt do mo chà irdean
'S an tìr a dh'fhà g mi, rinn m' à rach òg.
Gach aon a leughas e tuigibh reusan,
'S na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòsd;
Na faidhean breige a bhios gur teumadh,
Gun aca spèis dhuibh ach dèidh ur n-òir.
Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh
Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
'S mun tugainn dhuibh e le cainnt' mo bheòil.
Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh
Bhon 's èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
Air bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo
Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
Cha b' e sin m' à bhaist an tùs mo là ithean,
Is ann bhithinn rà bhartach aig gach bòrd,
Gu cridheil sunndach an comann cùirteil
A' ruith ar n-ùine gun chùram oirnn.
An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
Air moch Diardaoin a' dol seach an caolas
Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs.

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaidh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana ChaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.