Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bà rd Phà islig) agus air a sheinn le: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).
This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bà rd Phà islig) and sung by: Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà ,
Hill i em bo ruaig thu i, hill i em bo hà ;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
A' Chlach a bha mo sheanmhair
's mo sheanair oirre seanchas,
air tilleadh mar a dh'fhalbh i -
Mo ghalghad a' Chlach!
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
'S gur coma leam i 'n Cearrara,
no Colbhasa no 'n Calbhaidh,
Cho fad 's a tha i 'n Albainn
nan garbhlaichean casa;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Ga cur an à ite tearmainn,
a chumas i gu falachaidh,
'S nach urrainn - nach dearg iad -
air sgealb dhi thoirt à s!
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
A' Chlach a chaidh a dhìth òirnn
air faighinn às an ìnean,
's gu deimhinne ma thill i
tha 'n nì sin gu math.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
'S mo bheannachd air a' mhìlidh
a tharraing às a' chill i,
'S a dh'aiseag, tha mi cinnteach,
i mìltean a-mach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
A' Chlach a bha sna linntean
a' fantainn aig ar sinnsreadh
bhon thà inig i dhan tìr seo
an tìm nam fear breac.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
'S i measail ann bho ìslean
gu ridirean is rìghrean,
tha 'n-diugh nan laighe 'n I
mar a dh'innseas an leac.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Mionnan air fear deà rnaidh,
gach mà thair is mac,
nach leig sinn ann an gà bhadh
am fear a thug à sàs i,
's a mhiontraig air a teà rnadh
à à ite gun tlachd.
Ma chuireas iad an là mh air
chan uilear dhuinn bhith là idir
is buille thoirt air a thà illeabh
le stà illinn a-mach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
'S bha 'm Ministear cho tùrsach
sa mhadainn nuair a dhùisg e,
's praban air a shùilean
a' tionndadh a-mach.
E coiseachd feadh an ùrlair,
ag ochanaich 's ag ùrnaigh,
's a' coimhead air a chùil
anns an d' ionndrainn e chlach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Sin far an robh stà rachd
's an ruith air feadh an là ir ann,
gun smid aige ri rà itinn,
ach "cà it 'n deach a' chlach?"
'S "a Mhoire, Mhoire Mhà thar,
gu dè nì mis' a-mà ireach?
Tha fios 'am gum bi bhà nrighinn
a' fà gail a beachd.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Gun tuirt e 's dath a' bhà is air,
"Cha chreidinn-sa gu brà th e
gun togadh fear bho là r e
nach b' Ã irde na speach;
Tha rudeigin an dà n dhomh,
's gun cuidicheadh an t-Àgh mi.
Bha 'n duine thug à sàs i
cho là idir ri each."
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
'S cha ruitheadh e ach lùigeadh,
bha luigheanan a' lùbadh,
bha crith a' tighinn na ghlùinean,
's e tionndadh cho lag;
Chan fhaiceadh e le shùilean,
chan fhaigheadh e fo mhùigean,
le corrag no le lùdag
an dùdach no 'n glag.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Ach rà inig e na diùidich
a' burralaich 's a' bùirich,
"Tha breitheanas a' dlùthadh òirnn,
Spùilleadh a' chlach;"
'S bha Sasann air a dùsgadh,
's an cathair air a rùsgadh,
's oileadhag mu na diùnlaich
a ghiùlain a' chreach;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Earraidean gu siùbhlach
a' farraid feadh na dùthcha,
bho Ghlaschu gu Diùraidh,
bho Mhùideart gu Peairt,
'S cha leig iad bà rr an dùirn
a dhol seachad air an sùilean,
cha leig iad inneal-ùilidh,
no brùid air 'm bi cairt.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Tha deasaich agus tuathaich
a' ceileireadh gu h-uallach,
air mhire leis an uamhar
gun d' fhuair sinn a' chlach.
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Nuair thà inig i à Èirinn
bha cantanas ma dèidhinn,
gum fanamaid ri chèile
ma ghlèidh sinn a' chlach.
'S na faigheamaid le rèit' i
cha rachamaid san èirig,
's ann againne bha reusan
bhith 'g èigheach "Mo chreach!"
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà .
Ach b' ain-deonach an ceum leoth' e,
's b' annasach leam fhèin e,
's e barrantas an treud ud
gach seud thoirt a-mach;
Ged ghealladh iad lem beul e,
cha dèanadh iad da rèir sin;
An car a bha sa Bheurla
gur lèir do gach neach.

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhà thair nuair a bha e dà bhliadhna de dh'aois is chaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.