Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
'S e mo bheachd ort, a bhà is, gu bras thu ri pà irt,
'S gur teachdaire, là idir, treun thu;
An cogadh no 'm blà r cha toirear do shà r,
'S aon duine cha tà r do thrèigsinn.
Gun tug thu an-drà st' dhuinn buille no dhà ,
Chuir eaglaisean bà n is foghlam;
Is fhurast' dhomh rà dh gur goirid do dhà il,
'S gur tric a' toirt beà rn nar Clèir thu.
Bhuin thu rinn garbh mun dithis seo dh'fhalbh
Nuair ruith thu air lorg a chèil' iad;
Cuime nach d' fhà g thu bhuidheann a b' à irde
A bhiodh do chà ch ro fheumail
A' bhruidhinn a b' fheà rr a' tighinn om beul,
'S an cridheachan là n de reusan,
Chaidh gibhteachan grà is a mheasgadh nan gnà ths
'S bha 'n cneasachd a' fàs da rèir sin.
Tha 'm bàs os ar cinn gar glacadh le tinn,
'S le fradharc ar cinn cha lèir e:
Ach tha glaodh aig' cho cruaidh 's gum faodadh an sluagh
A chluinntinn le cluasaibh reusain:
Nach dearc sibh a chùl is fear aig fo iùil,
'S e sealltainn le shùil gu geur air;
An-diugh ciod am fà th nach biodhamaid air gheà rd,
'S gun bhuin e ar nabaidh an-dè uainn.

Chaidh Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghà idhlig Bhaile GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.