Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Primrose, Iseabail NicAsgaill agus Mairead Hulse.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Primrose, Iseabail NicAsgaill and Mairead Hulse.
Tha m' eudail is m' aighear 's mo ghrà dh
Ag iomain a ghnà th nam bò,
Chan iarrainn a dh'iocshlà int no shlà int'
Ach faighinn, a ghrà idh, ort còir.
Cha bhi mise tuilleadh ach tinn
Gu faigh mi ort snaim nach sgaoil
Le aont' a' bhodaich bha thall
Na shuidh' ann an gleann an fhraoich.
Oir chunnaic mi mais' annad fhèin
Nach fhaca mi 'n tè tha beò,
Chan fhaca mi gin air an fhèill
A ghabhainn romhad fhèin 's tu beò.
'S tu fhèin a bha labhairt le ciall
'S a' labhairt le briathran sìth,
'S ro aon de do chà irdean gu lèir,
Gun ghoid thu dhut fhèin mo chridh'.
Cha dùisgear leam ealaidh air à ill
Cha chuirear leam dà n air dòigh
Cha togar leam fonn air clà r
Cha chluinnear leam gà ir' nan òg
Cha dìrich mi bealach nan à rd
Le suigeart mar bha mi 'n tòs
Ach triallam a chadal gu brà th
Do thalla nam bà rd nach beò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha a' chiad dà cheathramh den òran rin lorg anns an leabhar Amhrain Anna Sheumais, cruinneachadh de shia thar fhichead òran a chuir Anna NicCoinnich às an Àrd, an Rubha, Leòdhas an clò ann an 1973. Chan eil Anna ag rà dh ach gun d' fhuair i fhèin an t-òran bho Chairistìona Chaimbeul, Cairistìona Mhic Eòin.
Thug Anna iomadh bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean anns na Hearadh agus an Uibhist a Deas agus ann an Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh.
Tha an ceathramh mu dheireadh a' tighinn à 'Òran Eile air an Adhbhar Cheudna' aig Uilleam Ros.

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...
Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaill
Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh là tha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a mà thair, Mairead Iain ...
Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead Hulse
Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Cà rlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais trà th as na 50an. 'S ann às Cà rlabhagh a bha a pà rantan, ...
Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona PrimroseCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.