Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: Seumas Caimbeul.
This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: Seumas Caimbeul.
Tha mise fo mhulad san à m,
Chan òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann am chà il
A dh'fhiosraich do chà ch mo rùn;
Chan fhaic mi dol seachad air srà id
An cailin bu tlà ithe sùil -
'S e sin a leag m' aigne gu là r
Mar dhuilleach o bhà rr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise gad ionndrainn mòr;
Ma thagh thu deagh à ite dhut fèin,
Mo bheannachd gach rè gad chòir;
Tha mise ri osnaich nad dhèidh
Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
Na laighe san à raich gun fheum,
'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
'S e dh'fhà g mi mar iudmhail air treud,
Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
Do thuras thar chuan fo bhrèid,
Thug bras shileadh dheur om shùil;
B' fheà rr nach mothaichinn fèin
Do mhaise, do chèill 's do chliù,
No suairceas milis do bhèil
As binne na sèis gach ciùil.
Gach anduin' a chluinneas mo chà s
A' cur air mo nà dar fiamh,
A' cantainn nach eil mi ach bà rd
'S nach cinnich leam dà n as fiach –
Mo sheanair ri pà igheadh a mhà il
Is m' athair ri mà ileid riamh –
Chuireadh iad gearrain an crann
Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
Mi 'm breislich mar à nrach a' chuain
Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
'S e ionndrainn d' Ã bhachd bhuam
A chaochail air snuadh mo neòil,
Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
Cha dùisgear leam ealaidh air à ill',
Cha chuirear leam dà n air dòigh,
Cha togar leam fonn air clà r,
Cha chluinnear leam gà ir nan òg;
Cha dìrich mi bealach nan à rd
Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
Ach triallam a chadal gu brà th
Do thalla nam bà rd nach beò.

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dà rna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas CaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.