Chante 'Òran Bean Dhòmhnaill Sheumais' ris an t-òran Ille Dhuinn on Dh'fhà g Thu Mise an Uibhist, agus b' ise Anna NicLeòid às a' Bhuaile Dhubh anns an Ìochdar. Bhuineadh i do theaghlach ris an cante Clann Phà draig agus bha iad iomraiteach a thaobh ciùil.
Phòs Anna Dòmhnall Seumas MacÀidh. B' ann à Cà rnan an Ìochdair a bha an teaghlach aigesan, Clann Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Dhòmhnaill Òig. Nuair a phòs Dòmhnall agus Anna ghluais iad gu Gèirinis.
Rinn Anna an t-òran nuair a dh'fhalbh a mac, Dòmhnall, air a' Mhetagama agus tha fhios gu robh i a' smaointinn nach fhaiceadh i e a chaoidh tuilleadh. Tha i a' cur am briathran na smaointinn a bh' aice, na h-aon smaointean 's a bha aig mòran eile aig an à m.
Nuair a tha i ag ainmeachadh gu robh e a' seinn "duanag ghrinn", tha e coltach gur e seo òran air an robh Young Munro a bha measail aig daoine aig an à m:
Young Munro, bidh Charlie agams',
Young Munro, I do love you!
Young Munro, bidh Charlie agams',
Handsome Charlie, young Munro.
Nuair a dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran an toiseach bha ceathramhan am measg a chèile agus ceathramhan a dhìth.
"Thug mi leam na bh' agam dhe gu tè gum biodh mòran dhaoine a' dol airson fiosrachadh mu òrain, Ceit Dhonnchaidh Chlachair, piuthar don bhà rd Dòmhnall Iain Dhonnchaidh. Chuir ise air dòigh dhomh e. "Fhalbh a-nis" ars ise "gu Mà iri Dhòmhnaill Sheumais - sin Mà iri a tha air a h-ainmeachadh as an òran. Gabh an t-òran dhi feuch a bheil e ceart agad." Agus rinn mise sin."
Dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran seo do ghrunn sheinneadairean, nam measg Mairead NicIllFhialain, a sheinn e ann am farpais seann nòs aig a' Mhòd Nà iseanta.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.