Ã’ran air a sgrìobhadh le: Anna NicÀidh agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt, Mairead NicIllFhialain, Mà iri NicAonghais, ³¾²¹´Ç±ô-»åò³¾³ó²Ô²¹¾±³¦³ó agus seumas macLetchie.
This is a song written by: Anna NicÀidh and sung by: Catrìona Garbutt, Mairead NicIllFhialain, Mà iri NicAonghais, ³¾²¹´Ç±ô-»åò³¾³ó²Ô²¹¾±³¦³ó and seumas macLetchie.
'Ille dhuinn, on dh'fhà g thu mise,
'Ille dhuinn, on dh'fhà g thu mi,
'Ille dhuinn, on rinn thu m' fhà gail,
Soiridh slà n leat, ghrà idh mo chridh'.
Còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu
A' chiad uair a dh'fhà g thu mi,
'S e mo chridhe-sa fhuair fhà sgadh,
'S neònach nach do dh'fhàs mi liath.
Gur muladach a rinn thu m' fhà gail,
Gur muladach a dh'fhà g thu mi,
Tha mi 'n-diugh am freasdal MÃ iri,
Dhan t-seachdnar a dh'Ã raich mi.
'S iomadh mà thair tha fo smalan,
Agus leannan tha gu tinn,
Bhon latha sheòl am Metagama,
Leis na balaich às an tìr.
'S iomadh oidhche 's cà ch nan cadal,
Aig an teine 's mi leam fhìn,
Chluinninn fuaim do chois tigh'nn dhachaidh
'S bhiodh tu gabhail duanag ghrinn
Cha do chreid mi riamh an fhìrinn,
'S tu ga h-innse dhomh le cinnt',
Gus do shìn thu, ghaoil, do là mh dhomh,
"Seo, a mhà thair, beannachd leibh."
'S ann nam sheasamh aig an doras,
Bha mi coimhead às do dhèidh,
Seachad Ruaidheabhal nan gearrach,
Anns a' charbad aig Maclean.
Thug thu m' aire far a' chadail,
Ged rachainn dhan leabaidh sgìth,
Thug thu m' aire far mo chà irdean,
Thug far clann mo mhà thar fhìn.
Nuair a thèid mi chun a' chladaich,
Is a chì mi 'n Cuan an Iar,
BÃ rr air tha cho geal ri faoileig,
Saoil a bheil mo ghaol-sa tinn.
Cha chluinn mi do ghuth, a Dhòmhnaill,
Beul nan òran bha leam binn,
Ach ag èisteachd eòin an adhair,
'S guil na h-eala air Loch Bì.

Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air MÃ iri NicAonghais / Learn more about MÃ iri NicAonghais
Rugadh Mairead NicIllFhialain anns a' Ghearastan air 3 Mà rt, 1970, agus thogadh i air Eilean Seòna dom buineadh a h-athair, Iain. 'S e eilean beag, ...
Fiosrachadh air Mairead NicIllFhialain / Learn more about Mairead NicIllFhialain
Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pà rantan le chèile à Beinn ...
Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona GarbuttCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.