
Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a mhà thar à Baile Bhòid. Bha athair, a thuigeadh Gà idhlig ged nach b' urrain dha a bruidhinn, a' ruith bùth phlumaireachd is iarnaireachd. Tha aon phiuthar aig Coinneach, Anna, a tha a' fuireach ann an ceann a deas Shasainn.
Bha e riamh air a bheò ghlacadh le ceòl agus b' e ceòl pop a bha sin nuair a bha e na bhalach òg. Tha cuimhne aige aon uair gun do dh'iarr e air a phà rantan an clà r Runaway le Del Shannon fhaighinn dha 's iad latha air cuairt a Ghlaschu. Chluich e an clà r sin cho tric agus gum b' fheudar dha mhà thair stad a chuir air 's i aig iomall a reusain leis. Bha e cuideachd measail air leithid Connie Francis agus Adam Faith agus tha cuimhne mhath aige air a' chiad uair a chuala e na Beatles, agus an ùidh mhòr a ghabh e annta.
Nuair a bha e na bhalach òg bha à ite sònraichte aig Còisir Ghà idhlig Cheann Loch Chille Chiarain anns a' choimhearsnachd, agus bhiodh e uaireannan a' dol gu na cèilidhean aca. Bha a mhà thair a' seinn ann an còisir dam b' ainm Seinneadairean Chinn Tìre. Cha b' e òrain Ghà idhlig a bhiodh iad a' seinn ach tha cuimhne aige, aon latha nuair a thà inig e dhachaigh, bha a mhà thair ag èisteachd ri co-fharpais Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn air an rèidio.
Chaidh Coinneach do Bhun-sgoil Dhail an Tobair. Thug e dà bhliadhna ann an Sgoil Ghrà mar Cheann Loch Chille Chiarain agus, an dèidh sin, chaidh e do Sgoil na Cille ann an Dùn Bhreatainn.
B' e Calum MacCaluim, a bha cho soirbheachail a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Cheann Loch Chille Chiarain, fear dhen fheadhainn a thug buaidh air an t-seinn aige is e na bhalach òg. Thigeadh Calum don bhun-sgoil uair sa chola-deug agus, nuair a dh'ionnsaicheadh e òran ùr dhan chloinn, chanadh e, "Seinnidh mise e, an uair sin seinnidh Maighstir MacThòmais e, agus an uair sin seinnidh sinn e còmhla". Tha fhios gur e comharra a bha seo gu robh MacCalum a' faicinn tà lant air leth anns a' bhalach òg ach, aig an à m, bha Coinneach dìreach air a chlaoidh.
'S e Eideard Pursell, no mar a bh' aige air fhèin aig amannan, Ìomhair Mac Sporain, ceannard na bun-sgoile. B' e a sgrìobh, mar eisimpleir, Tuireadh Iain Ruaidh, agus thug esan cuideachd buaidh air a' ghille òg.
Taobh a-muigh a theaghlach fhèin, b' e Eachann MacNèill, a bha na cheannard-sgoile an dèidh Pursell, bu mhotha a bhrosnaich Coinneach ach, a bharrachd air pà irt a ghabhail ann am mòdan ionadail, cha do rinn e mòran a thaobh ceòl Gà idhlig gus an tà inig e a Ghlaschu.
Dh'fhà g Coinneach Sgoil na Cille an dèidh a' chòigeamh bliadhna agus chaidh e a Ghlaschu, far an robh e na bhall de Chòisir Philharmonic nam Fear. Ann an 1968 bha Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu gann de dh'fhir agus dh'fhaighneachd Mà rtainn MacAoidh, Ceann-suidhe a' Chòisir, do Choinneach am biodh e deònach an cuideachadh, dìreach airson na bliadhna sin, agus sin a thug e an lùib Mhòdan agus chòisirean Gà idhlig airson a' chiad uair.
Bha Nan Dhùghlas na neach-teagaisg Gà idhlig aig a' chòisir agus bha ise den bheachd gum bu chòir dha a dhol a-steach airson co-fharpaisean an luchd-ionnsachaidh aig a' Mhòd. Rinn e sin, airson a' chiad uair ann an 1970, agus choisinn e an t-Aigeallan Airgid ann an 1975. Fhuair e am Bonn Òr aig Mòd Steòrnabhaigh ann an 1979.
Ann an 1980, ghabh e thairis Còisir Ghà idhlig Chille Bhrìde an Ear agus bha e còmhla riutha airson trì bliadhna. 'S e bha aig an stiùir nuair a choisinn iad Cuach Mhairead NicDhonnchaidh aig a' Mhòd ann an 1983. Aig an aon à m is a bha e a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Chille Bhrìde an Ear, bha e cuideachd na bhall de Cheòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu agus gabh e thairis an còisir sin anns an Dà mhair, 1983.
Tha a' Cheòlraidh air prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn, a ghlèidheadh còig tursan bhon uair sin, mu dheireadh san Dà mhair 2010 aig Mòd Ghallaibh. Chan eil bliadhna a' dol seachad nach eil iad a' faighinn co-dhiù aon de na duaisean eile. Bho chionn dà bhliadhna chomharraich Coinneach dà fhichead bliadhna na bhall den chòisir agus còig bliadhna fichead aig an stiùir.
Ach cha robh Coinneach toilichte le a bhith a' stiùireadh a-mhà in agus, mu 1985, thòisich e a' rèiteach a' chiùil dhan chòisir. B' e Mòrag Bheag, Nighean Mhurchaidh an t-Saoir airson còisir nam mnathan agus An t-Iarla Diùrach airson a' chòisir shlà n a' chiad fheadhainn a rinn e. Tha e air còrr air trì fichead òran a rèiteach on uair sin agus tha e air an obair seo a dhèanamh do chòisirean eile cuideachd.
Chaidh Coinneach an ceann a chosnaidh ann an Seirbheis na Slà inte, tro Sgeama Trèanaidh Rianachd, an dèidh dha an sgoil fhà gail agus chaidh e tro à rdachadh an dèidh à rdachadh na obair anns an t-seirbheis.
Am measg dhleasdanasan eile, bha e na Mhanaidsear air Seirbheis Slà inte Earra-Ghà idheal agus Dhùn Bhreatann, agus na Àrd-Oifigeir ann an Ospadail Law agus Yorkhill. Leig Coinneach dheth obair air sgà th a shlà inte fhèin ann an 2000, an dèidh 32 bliadhna anns an t-seirbheis.
Ann an 1971, phòs Coinneach agus Valerie NicFhearghais, à Port na h-Abhainne ann an Ile. Bha dithis chloinne aca, Alison agus Fearghas. Gu cianail, chaidh Valerie a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Glaschu as t-samhradh 2009.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.