Rugadh Criosaidh "Denny" NicDhòmhnaill ann an Eòlaigearraidh ann am Barraigh, air 9 Ògmhios, 1939. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhà in, le chèile à Bruthairnis, a pà rantan. 'S e iasgair a bha na h-athair agus bha e anns an Chabhlaich Mharsantachd airson greis cuideachd. Bha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir ghillean.
Ged nach robh guth seinn idir aig a h-athair bha ùidh mhòr aige ann an òrain agus bha e math air an cumail air chuimhne. Bha guth math aig a mà thair agus b' e Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), fear de na seinneadairean a b' ainmeile a bhuineadh do Bharraigh, brà thair a mà thar. Bha Ruairidh Iain Bhà in, a seanair, sònraichte math air seinn agus chaidh a chlà radh le Fear Chanaigh agus le Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha piuthar a mà thar, Ceit Bochanan, cuideachd math air seinn. Le sin dh'fhà s an teaghlach aig Dòmhnall Iain agus Sìne suas air an cuairteachadh le òrain is ceòl is seinn. Tha guth math aig ²Ñà ¾±°ù¾±, piuthar Chriosaidh, agus aig a brà ithrean, ged nach nochdadh iad mu choinneamh sluaigh airson seo a dhearbhadh.
Chaidh Criosaidh do Bhun-sgoil Eòlaigearraidh agus an dèidh sin do dh'Àrd-sgoil Inbhir Nis. B' e turas riaslach a bha sin do phà isde aois aona bliadhna deug, a' dol tarsaing a' chaolais a dh'Uibhist airson an Loch Mòr fhaighinn ann an Loch Baghasdail. À Malaig dh'fheumadh iad an trèana a ghabhail dhan Ghearastan, agus bus às an sin gu Inbhir Nis. Cha robh an turas taobh an Òbain mòran na b' fhasa.
Dh'fhà g Criosaidh an sgoil aig deireadh an treas bliadhna agus còmhla ri clann-nighean eile à Barraigh, thug i faisg air dà bhliadhna ag obair ann an sgoil phrìobhaideach do nigheanan, St. Hilda's, ann am Baile Freòin. Bha i greis an dèidh sin ann an Ospadal E.N.T. Ghlaschu mus deach i a dh'Uibhist a dh'obair airson bliadhna a' cumail taice ri a brà thair, Iain, a bha na fhiaclair ann an Loch Baghasdail.
Nuair a bha i an aois, thòisich i air cùrsa trèanaidh nursadh ann an Ospadal Stobhill ann an Glaschu. Cha robh an sgìre, pìos a-mach as a' bhaile, a' còrdadh rithe agus dh'fhà g i an dèidh bliadhna.
Ach bha miann aice an cùrsa nursadh a chrìochnachadh agus chaidh i a Dhùn Èideann airson sin a dhèanamh. Aig toiseach an treas bliadhna choinnich i ri Dòmhnall MacNèill, à Tangasdal ann am Barraigh, agus phòs iad ann an Glaschu ann an 1965.
Bha Dòmhnall air a bhith aig muir ach mun à m a phòs iad fhuair e obair anns a' Mhuileann Pronnaidh, anns an Ghearastan. Ghluais iad gu Loch Abar ach chionns nach robh Ospadal Belford a' trèanadh nursaichean cha d' fhuair Criosaidh riamh an cothrom crìoch a chur air a' chùrsa, rud a chuir aithreachas oirre iomadach uair.
An dèidh aona bliadhna deug anns a' Ghearastan fhuair Dòmhnall obair ann am Factaraidh Èisg Àird Mhèanais. Thill iad a Bharraigh agus rinn iad an dachaigh ann an Eòlaigearraidh. Tha còignear chloinne aca, aon nighean agus ceathrar ghillean.
Choisinn Criosaidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd a' Ghearastain, ann an 1985. Mus deach an fharpais sin a stèidheachadh, ann an 1971, bha Criosaidh air co-fharpais nan òran nach robh an clò a bhuinnig aig Mòd Shruighlea ann an 1961. Tha i cuideachd air Alba a riochdachadh dà uair aig an Fhèis Pan-Cheilteach ann an Èirinn.
Ged nach eil Criosaidh a' seinn na h-aonar air à rd-ùrlar an-diugh, bidh i a' seinn ann an Eaglais Eòlaigearraidh agus ann an Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhà gh a Tuath.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.