
'S ann anns na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis, Leòdhas, ann an 1911, a rugadh Dòmhnall Moireasdan, Dòmhnall Aonghaisein, neo Geinidh mar a chante ris. B' i Mà iri NicDhòmhnaill, nighean Dhòmhnaill 'ic Iain à 31 Suaineabost, bu mhà thair dhà .
'S e duine à rd, caol a bh' ann a bha daonnan cofhurtail am measg dhaoine. Bha e là n spòrs is dibhearsain agus nam biodh tu na chuideachd dh'fhaodadh tu a bhith cinnteach gun robh oidhche dhòigheil gu bhith agad.
Bha trì cuspairean gu sònraichte aige na bhà rdachd agus b' iad sin na daoine, an dùthaich agus an cà nan, le maise nà dair air a shnìomh tromhpa.
Bha ùidh mhòr aige anns an à rainneachd agus ann am bailtean sgìre Nis agus tha sin a' tighinn am follais anns na h-òrain aige. Bhiodh e an còmhnaidh shìos mun chladach agus a' falbh nam achraichean nuair a bha e aig an taigh. B' e Niseach a bh' ann gu chùl.
Thà inig air Geinidh falbh à Leòdhas airson cosnadh fhaighinn. Chaidh e a Ghlaschu na nurs gu ospadal Hawkhead, neo Leverndale mar is aithne do mhòran e, agus bha e cuideachd ag obair mar rigger ann an gà rraidhean-iarrainn Chluaidh. Bha e ag ionndrainn na sgìre a dh'fhà g e agus tha sin ri chluinntinn anns na h-òrain a rinn e ann an Glaschu.
Mar iomadach Niseach eile, bha e anns an R.N.R. agus bha e aig muir tron chogadh. 'S ann aig deireadh a' chogaidh a phòs e Cairistìona Ruairidh às Na Fleisirean. Bha dithis bhalach aca, Dòmhnall agus Murchadh Iain, agus tha iadsan le chèile a' fuireach ann an Nis.
Bha an teaghlach a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain airson greis agus bha Geinidh ag obair ann a Gleann Oirin, far an robh sgeamaichean Hydro aig deireadh na leth-cheudan. Sgrìobh e òran mu Ghleann Oirin far an robh e "A' tomhais doimhneachd druim a' mhonaidh".
Bhiodh òrain Gheinidh aige air an seinn an taighean-cèilidh agus am bothain Nis. Bha a bhrà thair air an robh An Rìgh mar fhar-ainm cuideachd ri bà rdachd.
Thill an teaghlach dhachaigh agus bha Geinidh ag obair air a' bheairt, a' drà ibheadh bhan le bèicearachd agus a' falbh le carbad na sgoile mus do bhris a shlà inte. Chaochail e anns an Dà mhair, 1964, aig aois 53.
Tha cuimhne aig Murchadh Iain, mac Gheinidh, a bhith 'g èisteachd ris an rèidio aon latha agus e na bhalach beag. Bha Seonag NicChoinnich a' seinn. "'S e òran brèagha tha siud," thuirt e ri mhà thair, nuair a chrìochnaich Seonag. "O, uill" ars a mhà thair, "'S e An Tèid Thu Leam Mo Nighean Donn ainm an òrain ud, agus 's e d' athair a sgrìobh e."
Bha Murchadh Iain e fhèin a' sgrìobhadh òrain. Mar eisimpleir, 's e a sgrìobh Tionndaidh am Bà t'. An-diugh bidh e a' sgrìobhadh laoidhean agus dà in spioradail.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.