Bhuineadh Eleanor Farjeon do theaghlach de sgrìobhaichean Sasannach agus, chionns gu robh a fradharc dona agus a slà inte caran truagh na h-òige, fhuair i a h-oideachadh aig an taigh agus a' misneachadh gu bhith a' sgrìobhadh bho bha i na pà iste.
Ged a rinn i iomadh seòrsa sgrìobhaidh, nam measg libretto airson operetta, bà rdachd agus dealbhan-chluich, tha i gu h-à raidh ainmeil airson na sgeulachdan cloinne anns na leabhraichean Martin Pippin in the Apple Orchard (1921) agus Martin Pippin in the Daisy Field (1937).
An dèidh a' Chiad Chogaidh bha i a' cosnadh a bith-beò mar neach-naidheachd, mar bhà rd agus mar chraoladair. As na 1950an fhuair i trì duaisean airson litreachas agus chun an latha an-diugh bidh an Children's Book Circle a' toirt seachad duais na h-ainm. Am measg a caraidean bha sgrìobhaichean ainmeil leithid D. H. Lawrence, Walter de la Mare, Robert Frost agus Edward Thomas.
Sgrìobh i an laoidh Madainn th' air Èirigh ann an 1931 ris an fhonn Ghà idhlig Bunessan.
Fiosrachadh mun Fhonn
Chaidh am fonn Bunessan fhoillseachadh an toiseach ann an 1888 anns an leabhar Songs and Hymns of the Gael, le Lachlan MacBheathain.
'S e seann fhonn a th' ann ris an do chuir a' bhana-bhà rd Mà iri NicDhùghaill (1784-1872), bean Nèill Dhòmhnallaich ann an Àrd Tunna am Muile, na facail air a bheil sinn fhathast cho eòlach an-diugh:
Leanabh an à igh, an leanabh aig Mà iri
Rugadh san stà ball, Rìgh nan Dùl;
Thà inig do'n fhà sach, dh'fhuiling nar n-à ite
'Son iad an à ireamh bhitheas dhà dlùth!
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geà rr gus am falbh iad, 's fà saidh iad anfhann,
An à illeachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b' ionann 's an t-Uan thà inig gur fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais e 'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'èirich e suas le buaidh o ùir.
Leanabh an à igh, mar dh'aithris na fà idhean;
'S na h-à inglean à rd', b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air grà dh 's air urram thoirt dhÃ
Sona an à ireamh bhitheas dhà dlùth.
Rinneadh am fonn, agus na facail aig Eleanor Farjeon, ainmeil leis an t-seinneadair Cat Stevens ann an 1971.
Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.