Rugadh Eòsaph MacAoidh ann am Mealanais, ann an Cataibh, air 12 Ògmhios, 1909. Bhuineadh athair, Iain Uilleam MacAoidh, do Mhealanais agus bha a mhà thair, Seasaidh Anna Clouston, à Arcaibh. B' e Eòsaph a b' òige de naoidhnear chloinne agus chaidh e do bhun-sgoil a' bhaile agus an dèidh sin do Sgoil Ghoillspidh. Dh'fhà g e an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug.
Chionns nach robh Ghà idhlig aig a mhà thair, cha b' i cainnt na dachaigh, ach bha leithid de dh'ùidh aig Eòsaph anns a' Ghà idhlig 's gun deach aige air a h-ionnsachadh anns a' choimhearsnachd.
Bha Eòsaph ag obair airson bliadhnaichean mar thidsear gun teisteanas, a' teagasg Beurla do chloinn a bha a' fuireach ann an à iteachan iomallach, far nach robh sgoiltean ri là imh. Bha e greis mhath ann an sgìre an t-Srath Mhòir agus bha aige ri dhol tarsaing Loch Hòb ann am bà ta beag a theagaisg triùir chloinne a bha a' fuireach ann an Àrnapol.
Nuair a thòisich an cogadh chaidh e dhan Royal Corps of Signals agus bha e anns an Eadailt airson pà irt dhan t-strì. Chaidh a leòn agus dh'fhà g sin e gu math bodhar ann an aon chluais fad a bheatha.
Phòs e beagan bhliadhnaichean an dèidh a chogaidh agus b' ann à Arcaibh a bha a bhean, Barabal Bally Corse. Rinn iad an dachaigh ann am Mealanais, glè fhaisg air far an do rugadh e. Bha e ag obair airson ochd bliadhna fichead an dèidh sin aig a' chompanaidh à rachais Prudential, a' frithealadh sgìre fharsaing ann an Cataibh, bho Dhiùranais anns an à ird an iar, gu Port Sgeire anns an à ird an ear.
Bha ùidh mhòr aige Eòsaph ann am bà ird na sgìre, gu h-à raidh Rob Donn agus bha e a' toirt tlachd mhòr dha a bhith a' seinn òrain mar Gleann Gallaidh. Bha e dèidheil cuideachd air na dà in aig Eòghainn MacDhonnchaidh.
Bhiodh Eòsaph tric a' seinn aig cèilidhean agus bhiodh e a' cluich na fidhle, sgil a dh'ionnsaich e dhà fhèin. Bha e na bhall de Chòmhlan-ciùil Mhealanais agus bha a bhean Barabal a' cluiche a' phià na. An dèidh dhan chòmhlan sin sgaoileadh bha e ann an Còmhlan-ciùil Thunga.
Bha Eòsaph gu mòr an sàs anns an oidhirp Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a stèidheachadh mar chuimhneachan air Na Fuadaichean. Chaidh an Taigh-tasgaidh fhosgladh anns an Bhlà ran Odhar anns a' Chèitean, 1977.
Bha pà istean-sgoile à sgìre Fà rr dom b' ainm MacAoidh an là thair aig a' chuirm fosglaidh, 59 dhiubh a-mach às na 169 pà istean-sgoile a bha anns an sgìre gu lèir. Bha Eòsaph na urrasair air an Taigh-tasgaidh.
Bha e cuideachd na chomhairliche sgìreil airson mu fhichead bliadhna, a' riochdachadh sgìre Thunga agus Fà rr. Tha Joseph MacKay Court, ann am Mealanais, air ainmeachadh às a dhèidh, mar chomharra air na rinn e dhan sgìre.
Chaochail Eòsaph MacAoidh, ann an Dachaigh Chaladh Sona ann am Mealanais, air 9 Lùnasdal, 1999, aig ais ceithir fichead 's a deich.
Tha sinn gu mòr an comain Tomasina Shutharlanach, à Mealanais, nighean brà thair Eòsaph, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.