
Rugadh Iain MacCalum am Baile Deòraidh, ann an Sgìre Mhuc-carna, ann an 1851. Bha e de shliochd Chloinn MhicCaluim Ghlinn Èite, agus bha a mhà thair de mhuinntir Chloinn MhicLullaich Loch Obha.
B' e Taigh nam Bà rr tric a chante ris, mar a mhìnich Niall MacIlleSheathanaich ann am prògram Gà idhlig a rinn e mu MhacCalum don BhBC air 05/11/1959:
"Is comharra fìor shònraichte air neach sam bith a bhios air ainmeachadh air à ite còmhnaidh, mar roghainn air ainm baistidh. Tha sin a' dearbhadh gu robh buadhan inntinn thar a' chumantas aige agus, cuide ri sin, uaisle agus ceanaltas. Is ann mar sin a bha ar caraid nach maireann. An uair a bhios sinn aig coinneamhan ag iomradh air bà ird is luchd-ciùil is e Taigh nam Bà rr a their sinn ri ar caraid, agus is leòir sin. Bha e, mar an ceudna, aithnichte mar Bhà rd Taobh Loch Èite."
Nuair a bha MacCalum òg bha an Fhùirneis Iarainn a' dol ann an Taigh an Uillt agus thug Niall MacIlleSheathanaich dealbh dhen à ite anns an aon phrògram:
"Bhiodh ceathach dhùinte ag èirigh do na speuran rè an là , agus air an oidhche lasair theine a' sgaoileadh 's a' deà rrsadh gu ruige Cruachan. Bha mòran mhnathan, às na h-Eileanan is à sgìrean Gaidhealach, a' tighinn gu Taigh an Uillt is a' faighinn cosnaidh a' rùsgadh chraobhan daraich, is a' dèanamh sguabagan beithe, gu feum na Fùirneis."
Dh'ionnsaich MacCalum òg mòran fhuinn bho na boireannaich seo agus chuir e iad gu feum na b' fhaide air adhart na bheatha. Dh'ionnsaich e cuideachd as an sgoil:
"Bha Iain MacCalum fortanach an là ithean òige e a bhith fo chùram is fo stiùireadh oideachan-foghlaim a bha fo mhòr mheas, mar a bha Dùghall MacIlleRiabhaich an Taigh an Uillt agus Dòmhnall Caimbeul san Rubha Gharbh am Bà rr a' Challtainn. Bha an Caimbeulach cho à rd am foghlam, is gun deach cuid de dh'oileanaich ceum dìreach bhon Rubha Gharbh gu ruige an oilthigh."
Bha a' chiad chosnadh aig Iain anns an Òban, ach aig aois 24 chaidh e a Ghlaschu agus, mar iomadh Gà idheal roimhe is às a dhèidh, dhan na poilis.
Rà inig Iain MacCalum à rd-inbhe as na poilis ach, an dèidh 26 bliadhna, bhris a shlà inte. Leig e dheth a dhreuchd agus thill e a dh'Earra-Ghà idheal.
Ann an Glaschu bha e fad bhliadhnaichean na bhall de Cheòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu. Bha e na Cheann-suidhe air a' chòisir agus na fhear-teagaisg Gà idhlig do na buill. Chionns gum b' urrainn dha ceòl a sgrìobhadh agus a leughadh anns an dà rian, bha e na thaic mhòr do Thormod Dòmhnallach a bha, aig an à m, a' stiùireadh na còisir.
Bha e cuideachd na Cheann-suidhe air Comann Latharnach Ghlaschu agus na Iar Cheann-suidhe air Cèilidh Àrd-sgoil Ghlaschu.
A bharrachd air a bhith soirbheachail aig Mòdan còmhla ris a' chòisir, bha MacCalum soirbheachail ann am farpaisean eile air a cheann fhèin:
"Choisinn e duaisean aig a' Mhòd le co-chruinneachaidhean òrain le fuinn nach robh riamh roimhe an clò. Bha anns na co-chruinneachaidhean seo cuid de na h-òrain a chuala e na bhalach, cho math ris na dhioghlum e bho shean òranaichean eile. Foghnaidh e aon de na h-òrain sin ainmeachadh; òran a thugadh am follais aig a' Mhòd Nà iseanta agus a tha nis caithreamach aig cèilidhean is cuirmean-ciùil, Bidh Fonn Oirre Daonnan, 'S Bidh Aoibh Oirre An-còmhnaidh.
B' e ùghdar an òrain seo Seumas MacIlleSheathanaich; a mhuinntir an aon à ite ri Taigh nam Bà rr e fhèin agus ris an abradh iad Bà rd Loch nan Eala."
Aig Mòd 1905, ann an Inbhir Pheofharain, choisinn MacCalum a' chiad duais airson bà rdachd ri fonn ceòl pìoba, le Cath Gairidheach, a chuir e ris an fhonn 'Meà rrsadh Dhòmhnaill Bhallaich'.
Aig a' Mhòd a' bhliadhna ron sin, an Grianaig, choisinn e a' chiad duais leis an òran 'Croitearan Thròndairnis' a chuir e ri fonn air an robh 'Gillean Phort Rìgh':
Gur a fada bhon bu chòir dhomh luinneag chuir air seòl
Do na seòid chruaidh ghramail, fhearail, chliùiteach,
A tha chòmhnaidh mar a b' à bhaist an Tròndairnis 's a' Bhrà ighe,
Na fir dhà na chuir urram air ar dùthaich;
Chaidh an smùid-shoithich Loch Iall air an turas ud an iar
Gu ruig crìoch Eilean Sgitheanach nan stùcan,
'S bha i luchdaichte gun dìth le maraichean 's maoir-sìth
Dol a dhìth-eachadh earrasachd nan diùlnach.
Guma sona cor nan Gà idheal a tha fuireach as a' Bhrà igh
Siud na gillean nach robh drionganach no mùigeach;
Nuair bha Uabharaith an t-seilg a' toirt oidhirp leis a' cheilg
Air gach seilbh o na croitearan a spùinneadh.
B' e MacCalum a sgrìobh na facail agus am fonn aig Ceòl nan Cruinneag agus rinn e grunn òrain a' moladh a sgìre fhèin, 'Brà ighe Mhuc-carna', 'Fà ilte Bhun-Atha', agus 'Fà ilte Lathurna' nam measg.
Ach a dh'aindeoin a chomasan mar bhà rd, b' ann air sgà th nam fonn a chruthaich e a bha e gu h-à raidh aithnichte na latha. B' e a chuir am fonn ri Ri Guaillibh a Chèile, le Donnchadh Mac Ille Ruaidh, agus anns an dà leabhar a dh'fhoillsich Calum MacLeòid fon ainm odern Gaelic Bards, tha 25 de fhuinn ùra annta le MacCalum, a bharrachd air còig fuinn a dh'ath-leasaich e.
Chuir e fuinn ri facail a sgrìobh bà ird leithid Iain Caimbeul (Bà rd na Leideig), Dòmhnall MacEacharna (Bà rd Dhiùraidh), Mà iri NicEalair, An Lighiche Iain MacLachlainn à Rathuaidh, Niall MacLeòid an Eilein Sgitheanaich, agus Calum Caimbeul MacPhà il.
Mar a dh'innis Niall MacIlleSheathanaich:
"Bha Taigh nam Bà rr na bhall dìleas den Chomunn Ghà idhealach agus bha e cho deas a thoirt cuideachaidh do a aobhar is a bha e gu cuideachadh leis gach deagh aobhar eile. Cha do dhiùlt e riamh a thà lantan ciùil a riarachadh ri aon air bith aig an robh feum orra."
Ann an Taigh nam Bà rr, fhuair Iain MacCalum a shlà inte air ais agus cha b' fhada gu robh e trang a-rithist. Bha e na eildeir agus na fhear-togail-fuinn anns an Eaglais Shaoir Aonaichte far an robh a charaid, an t-Urramach Calum Mac an Rothaich, na mhinisteir. Chuir e còisir Ghà idhlig air bonn san sgìre agus bha e na bhall de Bhòrd Sgoile Ghlinn Urachaidh agus Innis-Sheilich.
Rinn e obair mhòr airson An Laoidheadair a dheasachadh airson clò, a' saothrachadh còmhla ri Mac an Rothaich agus an t-Ollamh Raibeart MacLeòid airson fuinn ùra a chruthachadh far an robh feum agus ag ath-leasachadh fuinn eile.
Chaochail Iain MacCalum aig aois 75, agus, mar a thuirt Niall MacIlleSheathanaich:
"Dh'fhà g e eisimpleir ionmholta às a dhèidh, agus bu mhath leam na pà rantan a tha gam èisteachd aire shònraichte a thoirt dhi. Bha nighean aige agus b' i a' Ghà idhlig a chleachd iad rithe. Chaidh i na h-à m don oilthigh an Glaschu. Ghabh i Gà idhilig mar aon de na cuspairean, ged nach deach a' chà nain sin a theagasg dhi anns an sgoil, agus thog i à rd-dhuaisean san dà bhuidheann Cheilteach. Phòs i agus tha nighean aice. Ghabh ise Gà idhhlig an Àrd-Sgoil an Òbain agus chaidh i à sin gu ruige Oilthigh Dhùn Èideann. Lean i ris a' Ghà idhlig an sin agus thog ise cuideachd na duaisean anns an dà bhuidheann Cheilteach."
B' e an dà nighean seo, Mà iri, mà thair a' Bhrigadier Iain MacPhà rlain, an Taigh an Uillt, agus Anna, a phiuthar. Tha sinn gu mòr na chomain airson an cuideachadh a thug e dhuinn leis an fhiosrachadh seo.
Cath Gairidheach
Chuireadh Cath Gairidheach air 24 Iuchar, 1411.
Aig an à m bha Rìgh Seumas I, na phrìosanach ann an Sasainn, agus bha Diùc na h-Albann, brà thair athar an rìgh, a' riaghladh na dùthcha.
Aig tuath, bha cumhachd mhòr aig Iarla Rois agus bha fearann aige chan ann a-mhà in ann an Ros ach air taobh thall Abhainn Spè agus anns a' Mhaorainn. Phòs e nighean Diùc na h-Albann, agus bha aon nighean aca. Beagan bhliadhnaichean an dèidh dha h-athair bà sachadh ann an 1402, leig i às a còir air an oighreachd agus chaidh i gu bhith na bean-chrà bhaidh.
An dèidh seo, dh'agair mac do Dhiùc na h-Albann, Eòin Stiùbhart, còir air an tiotal agus air an oighreachd, le taic bhon Diùc. Cha robh aig Iarla Rois ach aon phiuthar, a bha pòsta aig MacDhòmhnaill nan Eilean, Dòmhnall mac Eòin Ìle. Dh'agair esan a chòir fhèin air Iarlachd Rois, an ainm a mhnatha ach ged a bha a' chòir aige, dhiùlt an Diùc e, agus thòisich am buaireadh.
Thug feachd an Dòmhnallaich le feachd nan Eilean ionnsaigh air Ros. Chaidh iad an uair sin gu Inbhir Nis, agus à sin thairis air Abhainn Spè a' dèanamh taobh Obar Dheathain, agus na sgìrean sin a bha nam pà irt de Oighreachd Rois.
Chruinnich Diùc na h-Albann feachd bhon dùthaich mu thimcheall Obar Dheathain agus às a' Mhaorainn agus Farfar, le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhà irr, agus Eòin Stiùbhart, a mhac fhèin, air an ceann.
Choinnich an dà arm anns a' Ghairbheach, faisg air Inbhir Uraidh, mu 18 à Obar Dheathain, agus chuireadh cath marbhtach.
A rèir an eachdraidh, chaidh an cath leis an Dòmhnallach, ach às a dhèidh thill e dhachaigh an à ite dhol a dhèanamh cinnteach às an fhearann.
Cha d' fhuair e còir air Iarlachd Rois bhon rìgh ri mhaireann, ach fhuair a mhac, Alasdair, còir oirre, a' chiad duine aig an robh an tiotal Iarla Rois agus Morair nan Eilean.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.