Buinidh Ceana Chaimbeul agus a piuthar, Mà iri, don Ghnìoba, anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain.
MÃ iri Chaimbeul
Rugadh Mà iri ann an 1925, am pà iste bu shine de Chaimbeulaich a' Ghnìoba, an teaghlach aig Seumas Chaluim Sheumais agus aig Mà iri Anna Choinnich a' Chanaich.
Ged a bha i air a h-ainmeachadh air a' Ghnìoba, b' ann an Ròag a rugadh i, ann an taigh a seanair, agus bha i mu 11 nuair a ghluais an teaghlach dhan Ghnìoba.
Chaidh Mà iri do Sgoil Bhatann agus do Sgoil Phort Rìgh agus thug i a-mach teisteanas airson teagasg bun-sgoil ann an Colaiste Chnoc Iòrdan.
Bha i bliadhnaichean a' teagasg, an toiseach ann am Bun-sgoil an t-Sruthain, am Brà chdadal san Eilean Sgitheanach, agus ghluais i às a sin do Ghlaschu, far an robh cuid eile den teaghlach a' fuireach. Fhuair i obair anns a' cheart sgoil ann an Easterhouse anns an robh a piuthar, Ceana, a' teagasg.
Bha Mà iri math air teagasg agus bha ùidh shònraichte aice ann an clann aig an robh duilgheadasan tuigse. B' ann mar thoradh air sin a chaidh i theagasg gu Sgoil Ach na Mara ann an Cnapadal an Earra-Ghà idheal airson bliadhna neo dhà . Fhad 's a bha i sin thachair i air seann eòlach, Coinneach Caimbeul à Scalpaigh, a bha an Sgoil Phort Rìgh còmhla rithe, agus a bha na lighiche-sprèidh ann an Earra-Ghà idheal. Bha Coinneach a-nis na bhantrach le dithis chloinne bige, Coinneach agus Priscilla.
Phòs Mà iri agus Coinneach agus rinn iad an dachaigh ann an Taigh an Uillt far an robh iad an sàs ann am Meur Chruachain den Chomunn Ghà idhealach agus ann an ath-bheothachadh ùidh ann an iomain anns na sgìrean mu chuairt, eadar, Taigh an Uillt, Dail Mhailidh, Drochaid Urchaidh is eile. 'S e pà irt mhòr de a beatha a bha anns an iomain agus anns a' cheòl.
Às dèidh a bhith bliadhnachan a' teagasg ann an Sgoil Dhail Mhailidh chaidh Mà iri air ais don Cholaiste a dh'fhaighinn teisteannas airson a bhith a' teagasg clann le feumalachdan sònraichte. B' e sin an obair a lean i o sin a-mach, a' cumail taic ri clann ann an diofar sgoiltean san sgìre agus a-rithist ann an Gallaibh nuair a chaidh Coinneach a ghluasad a Ghallaibh is Chataibh.
Ach bha taobh eile air Mà iri mar a shaoileadh duine de thè às a' bhaile agus às an teaghlach às an tà inig i. Bha i là n ciùil, le guth-cinn ceòlmhor agus meas is alt anabarrach air na puirt-à -beul. Ged nach robh mòran spèis aice don dòigh seinn a chluinnte tric aig a' Mhòd, bha i na ball de Chòisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu fhad 's a bha i anns a' bhaile agus bha i a' stiùireadh Còisir Mhealbhaich nuair a bha i ann an Gallaibh.
Chaochail MÃ iri Sheumais Chaluim ann an 1988.
Tha sinn gu mòr an comain Cheana Chaimbeul airson fiosrachadh mu a piuthar.
Ceana Chaimbeul
Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am Bonn Òr aig Mòd 1959. Thug i a-mach dreuchd mar bhan-teagaisg agus thug i iomadh bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean taobh Ghlaschu 's bha i mu dheireadh os cionn sgoil as an robh clann aig an robh feumalachdan sònraichte.
Às dèidh dhi a dreuchd mar cheannard-sgoile a leigeil dhith, ghabh i dreuchd mar òraidiche aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba, an RSAMD, a' teagasg air a' chùrsa BA Ceòl Albannach. 'S iomadh oileanach a tha an-diugh cliùiteach a tha an comain Cheana airson an oideachadh agus an altraim.
Bha i na ball den chòmhlan-ciùil Na h-Eilthirich agus chuidich i a' cur air chois am buidheann luaidh Bannal. Tha i air pà irt a ghabhail ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio agus air seinn an iomadh ceà rnaidh. 'S i a sheinn Salm 23 ri a fonn fhèin aig an tòrradh aig Iain Mac a' Ghobhainn a bha na cheannard air a' Phà rtaidh Là barach.
Bha i a' teagasg aig a' chiad fhèis ann am Barraigh agus bha i cuideachd am measg an fheadhainn a rinn an t-strì airson ionad Gà idhlig a stèidheachadh ann an Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu.
Bho chionn ghoirid chaidh duais Sà r Ghà idheal a bhuileachadh oirre airson na rinn i às leth a' chà nain agus foghlam Gà idhlig an Alba.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.