Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh (Bà rd Iollaraigh) agus air a sheinn le: Kathleen NicAonghais, Mà iri NicGillEathain agus Peigi Bhoidhd.
This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh (BÃ rd Iollaraigh) and sung by: Kathleen NicAonghais, MÃ iri NicGillEathain and Peigi Bhoidhd.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Seinnibh le othail e
O horo èileadh;
Seinnibh le othail e
O horo èileadh;
Fà illirinn ìllirinn
Hù horo èileadh
B' e m' aighear, 's mo shùgradh
'S mo dhùrachd bhith rèidh ribh.
'S a' mhaduinn mhoich, chùbhraidh
Bu shùgradh leam m' èirigh;
Bha litir gu m' ionnsaidh,
'S le sùnnd rinn mi leughadh,
Ag innseadh gu diùlaidh;
'S bu shùgradh leam fhèin e,
G' eil òigridh mo dhùthcha
A' dùsgadh gun èislein.
Commun na beannachd
Tha 'n Glaschu còmhnaidh,
Uibhistich is Barraich,
Gach caileag is òigear;
Cumaibh gu dìleas
Nur cuimhne ri 'r beò iad,
Eileanan rìomhach,
Is prìseil bhur n-òige.
Bu bhòidheach an sealladh
Sa mhaduinn mhoich, chèitein,
An fhairge mar gloinne,
Gun smal air na speuran,
Raointean, is gleannan,
Is beannan glas', geugach
Uibhist is Bharraigh
Ag amharc a chèile.
An fhairge ri altramas
Caisteal a' Bhà igh dhaibh;
Ormacleit ghlacach
Toirt eachdraidh Chloinn RÃ ghaill;
Baile nan Cailleach
Is machraichean Bhà llaidh,
'S cà it' eil nas bòidhche
Na leòidean Creag Àsdainn?
Na h-Eileanaich ainmeil
An seanachas 's am bà rdachd;
'S minig a dhearbh iad
Bhi garg air chùl stà illinn;
Bu ghleusda, neo-chearbach
Air fairge no trà igh iad;
'S gur h-eutrom, grinn, dealbhach
Air garbhlach no srà id iad.
Bha daoine bhon d' thà inig sibh
Là idir sa chòmhraig,
'S cinn-chinnidh neo-sgà thach
'S na blà raibh gan seòladh,
Tighearna Chlann RÃ ghaill
Is à rmainn Chlann Dòmhnaill,
'S Mac Nèill nan long luatha
Gu cuantan a shròiceadh!
Gun èireadh mo nà dar
Le bà idh agus pròis leam
Nuair chithinn an là rach
'S 'n do dh'à raicheadh "Flòraidh";
Bidh cuimhne gu brà th
Air gnìomh gà bhaidh na h-òigh sin,
Mar shà bhail i Teà rlach
Bhon ghrà isg a bha 'n tòir air!
Nuair chruinnicheas an còmhlan ud
Còmhla gu sùnndach,
Na maighdeannan bòidheach
'S na h-òigeirean lùthar;
Bidh pìob nan dos à rda
La gà irich à siùnnsair
Cur Eileanaich ghreannmhor
Nan deann air an ùrlar!
Commun mo rùin nach
Cuir cùl ris a' Ghà idhlig,
Labhradh air tùs i, gu
Ciùn, anns a' Ghà radh,
Cà nain ro chlùiteach a
Dh' ionnsaicheadh trà th dhaibh,
Gu h-aoidheil, binn, mùirneil,
Aig glùinean am mà thar.
Thoir uamsa ceud soraidh
Gu banal mo shùgraidh.
'S gun cruinneacheadh geanail
Am baile na h-ùpraid;
Gach nì bhi mar 's math leibh,
'S mo bheannachd dar n-ionnsaidh,
Gach Uibhisteach 's Barrach
Tha fada bho 'n duthaich!

'S i Kathleen NicAonghais aon den t-sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phà draig Iagain air a bheil Mìcheal Mac a' Phearsain a' cuimhneachadh sa chumha ...
Fiosrachadh air Kathleen NicAonghais / Learn more about Kathleen NicAonghaisGed a rugadh 's a thogadh Mà iri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...
Fiosrachadh air MÃ iri NicGillEathain / Learn more about MÃ iri NicGillEathain
B' ann ann an Earsairidh, ann am Barraigh, a rugadh Peigi Bhoidhd (Peigi Bhochanan, 1904-1992) ach ghluais an teaghlach dhan Àird Mhòir nuair a bha ...
Fiosrachadh air Peigi Bhoidhd / Learn more about Peigi BhoidhdCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.