Âé¶¹Éç

Tasglann · History Timeline

English / ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ



27.04.40

Thòisich aithrisean fad chòig mionaidean dhe naidheachdan gu cunbhallach gach seachdain anns a' Ghàidhlig air Home Service aig 2230.

06.08.40

Escape to Ballachulish. Thog an Scottish War News Unit sgeul air clàr dhe shaighdearan a theich tarsainn na Frainge an dèidh Retreut St Valary. Bhitheadh iad a' bruidhinn ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ ri cach a-chèile agus a' leigeil orra gun robh iad nan Ruiseanaich.

1940

Anmoch

Bha An Comunn Gaidhealach ag agairt craobh-sgaoileadh anns a' Ghàidhlig a leudachdainn gu dà uair de dh'aithris nan naidheachdan gach seachdain agus uair a thìde de phrògraman ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ don chloinn. Mar thoradh air sin, thogadh ceist ann an Taigh nan Cumantan. 'S e am freagairt gun robh trì is cairteal uairean a thìde de Ghàidhlig air an craobh-sgaoileadh air Home Service agus 40 mionaid dhe cheòl Gaidhealach a thuilleadh air sin: b' e sin gu leòr. Nochd luaidh air cion ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ anns an t-seirbhis Forces Programme: b' e seo adhbhar-iongnaidh o chionn gun robh uimhir dhe Ghaidheil a' frithealadh dìon na rìoghachd air muir is air tìr.

11.05.45

Luaidh nan Gillean. Prògram a thug urram do ghaisgich Ghaidhealach na rìoghachd ann an cruth taghadh de dh'òrain. Home Service 2300-2315.

29.07.45

Chraobh-sgaoileadh seirbheis Ghàidhlig. Seo a' chiad uair a thachair sin ri linn sìth anns an Roinn-Eòrpa. (82 là an dèidh Buaidh san Roinn-Eòrpa)

17.10.49

Learning Gaelic. Sreath dhe phrògraman a chaidh a chroabh-sgaoileadh gach seachdain (le ath-chraobh-sgaoileadh Dihaoine): leasanan ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ le Eideard Purcell, agus Iain M MacGille na Brataich agus Eairdsidh MacEanraig ann.

06.06.51

Dràma ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ: An Tunnag Fhiadhaich. Eadar-theangachadh le Lachann MacFhionghain dhen dràma le Henrik Ibsen, "The Wild Duck".

24.03.52

Scottish Home Service: Dràma ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ: Cois Airidh air Crann le Lachann MacDhonnchaidh (a choisinn a' chiad duais ann am farpais-dhràma ann an rannan ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a stèidhich Comhairle nan Ealain.)

09.10.52

Oraid air a' Mhòd Nàiseanta le Iain M MacGille na Brataich a' bruidhinn ann am Pàillean Baile Bhòid.

10.10.52

An leth-phàirt eile dhen Chèilidh Mhòr a bha an lùib Mòd Nàiseanta a' Chomuinn Ghaidhealaich ann am Baile Bhòid.

19.03.54

With Melodies in Islay. Prògram a Bogha Mòr ann an Ile - òrain Ghàidhlig is Bheurla.

14.08.56

A Gaelic Capital: oraid le James Shaw Grant air baile rìoghail Steòrnabhaigh ann an Leòdhas. B'e an riochdaire Robin Richardson.

20.11.57

Prospect for Lewis - sùil air na bhitheadh ron eilean as mò dhe na h-Eileanan an Iar. Ro-ràdh le by Iain Crawford. Deasaichte agus riochaichte le Archie P Lee.

1957

Chaidh aithris nan naidheachdan a lùghdachadh o gach seachdain gu gach mìos 'san Lùnastal.

1950an

Anmoch

Rinn am Âé¶¹Éç rannsachadh feuch dè bha a dhìth ann an sgìrean far am bruidhneadh ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ.

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.