1996
Mar thoradh air Achd a' Chraobh-sgaoilidh ann an 1996 (Broadcasting Act 1996), ghabh an CTG dleasdanas air craobh-sgaoileadh air an radio os là imh cuideachd. Mar sin dheth chaidh ainm a' Chomataidh atharrachadh gu Comataidh Craolaidh ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ (CCG no Gaelic Broadcasting Committee)
1996
Chaidh Craoladh nan Gaidheal a chruthachadh an dèidh co-aontachadh eadar Radio nan Gaidheal, Telebhisean ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ agus Foghlam ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ.
01.04.96
Leudaicheadh seirbheis Radio nan Gaidheal ann am Machair na h-Alba agus mu Obar Dheathain. Bha 45 uairean a thìde air an tairgsinn do 90% dhen luchd-èisteachd le ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ.
1996
Aithris eadar-mheadhanach de Sheachdain na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ, a’ togail inbhe na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ.
1997
Aithrisean farsaing den taghadh-pà rlamaid coitcheann agus Cunntas-bheachd air Fèin-riaghlaidh na h-Alba.
1997
Ann an "Iomradh na Bliadhna 1996-1997" le CCG thug an Cathraiche Mata MacIomhair luaidh air na bhiodh romhainn an dèidh na bliadhna 2000: "Under the terms of the Broadcasting Act 1996, viewers will be able to see daily, in peak-time, at least half an hour of Gaelic programmes on one of the digital channels. That might not be enough to satisfy the Gaelic viewers. Neither is it certain that digital terrestrial services will be available in all Gaelic-speaking communities. These issues will have to be addressed."
*Maoinichte le Comataidh Craolaidh ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ
1998
Chaidh an sreath telebhisein, Baile Mhuilinn, agus an sreath radio, Fiream Faram, an craoladh airson a’ chiad turas. ‘S e prògraman sònraichte foghlaim airson cloinne ag ionnsachadh tro mheadhan na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ aig ìre bhunaiteach a th’ annta.
04.02.99
Chaidh Na h-Eilthirich a chraoladh, sreath ag iomradh air eachdraidh eilthireachd nan Gaidheal.
14.10.99
Chaidh a’ chiad prògram Cunntas a chraoladh. ‘S e sreath de dheasbadan coimhearsnachd a th’ ann.
16.10.99
Thòisich am prògram Aithris na Seachdaine, a’ toirt iomradh air naidheachdan na seachdaine le naidheachdan uarach thairis madainn Disathairne.
31.12.99
Bha Radio nan Gaidheal a’ craoladh fad 24 uairean a thìde, a’ cur fà ilte air an dà mhìle bliadhna.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.