01.03.00
Chaidh là rach-lìon Craoladh nan Gaidheal a chur air bhog as ùr.
28.05.01
Thug Niall Iain Dòmhnallach fuaimean ùra gu Âé¶¹Éç Radio nan Gaidheal anns a' Chèitean leis a' phrògram ciùil Rapal. Tha Rapal, a tha gu sònraichte do dhaoine eadar 18 agus 25, a' tighinn beò à Steòrnabhagh bho Diluain gu Diardaoin gach seachdain.
08.10.01
Nochd a' chiad còig aonadan de Beag air Bheag air là rach-lìn Âé¶¹Éç Alba san Dà mhair. Tha na h-aonadan a' toirt blas den Ghà idhlig do luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre tòiseachaidh ann a bhith a' togail a' chà nain.
21.02.02
Gruth is Uachdar - Chaidh Gruth is Uachdar, drà ma ùr de shia phà irtean stèidichte air an leabhar Crowdie and Cream le Fionnlagh I Dòmhnallach nach maireann, a chraoladh sa Ghearran. Bha na prògraman a' leantainn sgeòil Fhionnlaigh is e na bhalach òg ag èirigh suas air Eilean na Hearadh eadar an dà chogadh.
02.05.02
Chomharraich Aileag, prògram radio òigridh Âé¶¹Éç Radio nan Gaidheal, 10 bliadhna air an à idhear anns a' Chèitean le dà phrògram beò far an do thadhal cuid de na preseantairean a bh' air a bhith an sà s ann o 1992. Chaidh cuireadh a chur cuideachd don chloinn a bh' air bà rdachd a' sgrìobhadh airson an là mhòr seo an obair a' leughadh.
26.06.02
Thòisich Radio nan Gaidheal a' craoladh tron fheasgar eadar 2 agus 4 airson a' chiad uair air 26 Ògmhios. Thug an leudachadh seo uairean craolaidh an stèisein gu mu 3,400 uair sa bhliadhna. Bha am prògram 2 gu 4 a' toirt còmhradh aighearach, gà ire agus ceòl pop chun luchd-èisteachd gach là bho Diluain gu Dihaoine.
2002
Bhon Lùnastal, bha Radio nan Gaidheal ri fhaotainn tro shaideal air EPG 889.
2003
Bhon Chèitean, bha Radio nan Gaidheal ri fhaotainn tro Freeview EPG 90.
2004
Ghabh a' bhuidheann ùr Seirbheis Meadhannan ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ à ite an CCG.
2004
Bha 25 bliadhna ann bho thòisich Aithris na Maidne an toiseach.
2005
Nochd a' phròiseact Colin and Cumberland air an telebhisean agus air-loidhne. Thug a' phròiseact trì nà iseanan seo ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ, Gaelige agus Cuimris gu aire a' mhòir shluaigh.
2005
Chaidh a' chiad phròiseact trì mheadhanach a chruthachadh le Âé¶¹Éç Alba. Bha là rach lìn an cois na sreath phrògraman telebhisein agus rèidio Aig Cridhe ar Ciùil.
2005
Chaidh am prògram foghlaim radio Litir do Luchd-ionnsachaidh a thairgsinn ann an cruth podcast airson a' chiad uair san Òg-mhios.
2005
Bha aithrisean a' tighinn beò bho thachartas an G8 ann an Gleann Eagais. Cuideachd, thà inig prògram Rapail beò à Murrayfield far an robh a' chuirm-chiùil iongantach Live8 a' gabhail à ite san Iuchar.
2005
Thòisichear air gach prògram Eòrpa a thairgsinn air-loidhne airson suas ri seachd là às dèidh a chraolaidh san Dà mhair.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.