Tha Fionnlagh MacLeòid còmhla ri Iain MacIlleathain agus Flòraidh NicIlleathainn 's iad a' beachdachadh air an diofar eadar balla agus gà rradh.
Fionnlagh: Tha beagan faireachdainn eadar-dhealaichte aca. Tha balla, faodaidh tu rà dh, a' dol a dh'à ite sam bith. Faodaidh e bhith na loidhne glè mhòr 's mar sin. Chan eil e a' toirt faireachdainn sam bith gu bheil e a' dùnadh a-steach ach tha gà rraidhean ann a' seadh a' dùnadh a-steach. Faodaidh e bhith na ghà rradh beag airson leasan no na ghà rradh airson timcheall air lot na cà il mar sin. Sin an seòrsa faireachdainn a tha aig an dà fhacal dhòmhsa.
Iain: ¹ó³ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó?
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Well, dhòmhsa tha balla, sin agad a' chlachaireachd. Can, ma tha thu a' bruidhinn air gà rradh, tha balla air a' ghà rradh, ma thuigeas tu mi, agus sin mar a bha sinn a' bruidhinn air a' chlachaireachd. Ach tha an gà rradh fhèin dhòmhsa, sin an talamh taobh a-staigh nam ballachan sin na an fheansa na bith dè rud a th' agad.
Iain: Tha mi tuigse. Tha e dìreach mar am facal Beurla.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Sin e. 'S e.
Iain: Well, nach innis mi nise dhuibh rud beag na dhà . Well, aon duine a' cantainn rium gu robh esan a' faicinn balla glè mhòr mar tobhta. Agus as a' chumantas gu robh e faicinn gum biodh dà bhalla na dà ghà rradh dìreach mar a chì thu balla a-staigh agus balla a-muigh ann an taigh, 's am balla a-staigh gu ìre air a shnaidheadh. Tha, 's dòcha, fiù ann am balla gu faigheadh tu aol na rudeigin a' ceangal nan clachan ri chèile.
A dh'aindeoin sin, bha an aon duine a' cantainn rium, "O well, aig an aon à m bhiodh na clachan air an snaidhm agus 's e an dòigh as am biodh iad a' snaidhm nan clachan," 's thug e dhomh dìreach ann an dà loidhne e - "Clach air muin a dhà , 'S a dhà air muin cloiche." 'S ma smaoinicheas tu air tha sin dìreach a' dèanamh dealbh mar a thathas a' togail ma 's e balla na gà rradh a th'ann.
Bha aon dhuine eile a' cantainn rium, "Chì thu rud ris an can mise gà rradh, cumanta ann an à ite mar baile Àrnol" air a bheil thu fhèin glè eòlach, Fhionnlaigh, "togalach rudeigin tana 's chì thu solas an latha troimhe."
Fionnlagh: Chì gu dearbha.
Iain: Agus chan eil e air a chlachaireachd ach dìreach le clachan cruinne.
Fionnlagh: Uachdar na talmhainn.
Iain: Sin e. Na clachan a bha iad a' toirt às na feannagan 's mar sin air adhart agus bha an duine a bha sin a' dèanamh dheth gu robh na gà rraidhean sin a' seasamh cho math, gur e an t-adhbhar a bha iad a' seasamh cho math, dìreach mar a bha a' ghaoth a' faighinn tromhpa 's mar sin.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.