
'S e muthach a chante an cuid a dh'à iteachan ris an duine a bhiodh a' sealltainn as dèidh a' chruidh, am buachaille.
Tha e air a chleachdadh anns an t-seanfhacal Caillear bò an droch mhuthaich seachd bliadhna ron a' mhithich. Nan dèanadh tu rud agus gun cante riut "Gu dearbh cha b' ann ron a' mhithich a rinn thu e," bhiodh sin a' ciallachadh gu robh là n thìde agad an rud a dhèanamh.
Bha am partan tuathal a' fuireach ann an taigh eile. Bha e mar beingean, a' tighinn a-steach a thaigh eile agus 's dòcha gu falbhadh e an ceann ùine. Cha b' urrainn dhut cus earbsa a bhith agad a fuireadh e, ach, fhad 's a bha e ann, b' e a b'fheà rr na bhith falamh.
Cluinnear 'S e 'n duine an t-aodach agus 'S e 'n duine an t-aodach, 's chan e a' cholainn chreuchdach. Ga thoirt ceum eile, cluinnear Mo chùl ris na luideig! Is e an duine an t-aodach, 's chan e a' cholainn chreuchdach.
Tha iad uile a' ciallachadh an aon rud - ma tha thu air do sgeadachadh gu dòigheil a thaobh d'aodach, bheir sin deagh ìomhaigh dhut.
Ach tha tionndadh eile ann: 'S e an duine an t-aodach ach 's e a' laochan am biadh a' ciallachadh nach eil e gu diofar dè an t-aodach a th' air duine, cha mhath e mur eil biadh na bhroinn.
Dh'fhaodadh tu rà dh mu na seanfhacail seo Dùisgidh aon rud dà rud a' ciallachadh nuair a thogas tu aon rud glè thric thig cuideigin le pìos eile dheth.

Nuair a bhiodh iad a' cur nan sgrathan air na taighean dubha, bhiodh na sgrathan a' dol air druim an taighe 's bhiodh iad pà irt aon air muin na tèile caran mar a bhios sglèat a' dol air mullach taighe.
Airson an cumail nan à ite, bhiodh iad a' cleachdadh rud mar prìne là idir, fiodh. Dh'fheumadh tu bhith faiceallach ann a bhith cuir a' phrìne seo a sà s, gur ann air fiaradh sìos a bhiodh e, no ruitheadh an t-uisge tron tughadh 's a-steach do na sgrathan agus bhiodh e an uairsin buailteach tighinn a-steach dhan taigh.
'S e dealg a chante ris a' phrìne sin as an robh sia no seachd a dh' òirlich a dh'fhaid.
Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, an t-Òban
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.