
An à m a' chogaidh nuair a bha na h-evacuees aig an taigh, well, feadhainn òga a bhiodh annta 's tha e coltach gun fhaca iad na comharraidhean, no chunnaic iad aon chomharra co-dhiù. Agus 's e cumadh oval a bh'air. Agus tha e coltach, leig fear dhiubh èigh agus thuirt e "Look at the Golden Wonder shilling !"
Agus tha e coltach, Golden Wonder, fhios agad, gur e buntà ta a bha sin.
'S tha mi cinnteach gur e cumadh caran oval a bhiodh air gun teagamh. Ach siud a' rud a thuirt e, 's bha am boireannach a' smaoineachadh gu robh sin air leth èibhinn, dìreach gun shamhlaich e, fhios agad, an cumadh a bh' air a' chomharra ri cumadh Golden Wonder !
Bha am boireannach seo ag innse dhomh gu robh a h-athair-cèile, gu robh e dìreach sgriosail fhèin gu bhith a' fiathachadh dhaoine chun an taighe. Agus bhiodh sluagh dìreach a bha uabhasach a-staigh fo na cabair. Agus co-dhiù an turas a bha seo thuirt bean an taighe - bha leithid dhiubh ann (sin agad mà thair na tè a bha ag innse seo dhomh) – thuirt i "An dà , gu sealladh ormsa, tha dìreach... chan eil à ite a-staigh 's an caidil sinn!"
Ach 's e rud mu dheidhinn, 's e an fhìrinn a bh' ann. Cha b' e dìreach rud a bh' ann 's dòcha mar a chanadh tu uaireannan "Och, chan eil à ite sin agam." 'S dòcha gu robh. Ach gu fìrinneach cha robh à ite am broinn an taighe. Agus tha e coltach gun d' thà inig oirre fhèin agus fear an taighe cadal anns a' bhà thaich. Fhuair iad iasad de bhobhstair agus chaidh aca air cadal anns a' bhà thaich.
Thà inig fios bhon Urramach Dòmhnall Dòmhnallach a bha na mhinisteir ann an Cà rlabhagh ag innse gu robh comharra caran annasach aige fhèin. Bha sgrìobhadh air ann an trì cà nanan. Bha Am Preas Lasrach mar dhealbh air, le sgrìobhadh ann an Laideann. Bha an earrainn "Dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa" sgrìobhte ann am Beurla agus ann an Gà idhlig bha sgrìobhte air Eaglais Shaor Chà rlabhaigh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.