
Seo a chante ri buntà ta a thà inig as an aon à ite barrachd air aon bhliadhna. Anns a' chumantas, cha b' e buntà ta math a bhiodh a seo idir.
Nuair a sgealbadh tu buntà ta dubh bha dath brèagha purpaidh nam broinn.
Bha iad seo a' tighinn à taobh an ear Bheinn nam Fadhla, ma dh'fhaodte à Eilean Fhuidheigh.

Bha an lighiche-sprèidh Dòmhnall Iain MacIllinnein ag innse mar a bheirte faochadh do bhò air an robh tinneas a' bhainne le bhith a' cur èidhear dhan ùth aice.
Bha Mòr NicLeòid, Brù ag rà dh gu robh là n chuimhne aice fhèin air seo fhaicinn agus gur ann an còmhnaidh ann an crodh-bleòghnach a thigeadh e, sin crodh a bha air ùr-bhreith 's tòrr bainne aca. Bha i a' cuimhneachadh air mart a bh' aca fhèin air an robh e agus shaoileadh duine gu robh i dìreach as na buillean 's i a' bà sachadh.
Dh'fheuch iad ri èadhar a chur dhan ùth aice le hypodermic syringe 's ga ghaothadh le pumpa baidhsagail. An uairsin cheangail iad sinean na bà agus an ceann leth-uair bha a' bhò air a casan. Dh'fhà g iad na sinean aice ceangailte airson ceithir uairean fichead dìreach airson dèanamh cinnteach.
Bha Dòmhnall Iain MacIllinnein ag rà dh gur e calcium a' tuiteam a dh' ùth na bà a bha ag adhbharachadh an fhiabhrais agus nach eil aca an diugh ach injection calcium a thoirt dhan mhart.
Ciamar a thuig duine riamh gun dèanadh rud cho annasach ri pumpadh èadhar dhan ùth leigheas do thinneas a' bhainne?
Tha e coltach gur e lighiche-sprèidh as a' Ghearmailt a rinn sin a-mach. Bha eòlaichean air dèanamh a-mach nan cuireadh iad stuth ceimigeach a choireigin mar potassium manganate ann am bùrn 's nam pumpadh iad sin a dh' ùth na bà gun faigheadh i faochadh. Ach bha iad a' smaointinn gur e an stuth ceimigeach a bha èifeachdach.
Aon latha chaidh lighiche-sprèidh slighe mhòr gu bò air a robh fiabhras a' bhainne. Nuair a rà inig e, 's e dol a dhèanamh an rud à bhaisteach, mhothaich e gu robh e air an stuth ceimigeach fhà gail as a dhèidh, mìltean air falbh. Agus 's ann a smaoinich e gu feuchadh e gun an stuth ceimigeach idir. 'S e dìreach èadhar a bha e a' pumpadh dhan ùth 's nach ann a rinn e a' cheart uiread a dh'fheum. 'S ann air thuairmeas mar sin a rinneadh a-mach gur e atharrachadh am pressure ann an ùth na bà a bha a' cur stad air a' chalcium bho bhith tuiteam 's a' toirt fiabhras air a' bhoin.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.