
Bidh tu a' cluinntinn bìog ach bidh tu a' faicinn biùg.
Canar "Cha chuala mi bìog bhuaipe." no "Cha tà inig bìog bhuaipe." Faodaidh tu bruidhinn air guth bìogach a bhith aig duine.
Chanadh tu "Chan eil biùg solais aca!" nam biodh taigh dorch, no "Cha tà inig biùg as an teine" ma bha e doirbh a lasadh.
Bha fear de luchd-èisteachd Facal Oirbh ag innse mu na là ithean nuair a thà inig toirdseachan chun na Gà idhealtachd an toiseach. Cha bhiodh iad laiste fad na h-ùine idir 's chan fhaiceadh tu ach biùg solais bhuapa an-drà sta 's a-rithist.
Bha e ag rà dh gur e seo a bu choireach gun cante biùgan ri toirdse.

Ann am Facal Oirbh 07/04/2009 chaidh Sgeir nan Clach ainmeachadh. B' e seo eilean beag ann am beul Loch Liùrboist, a-mach bho chladach Chrosaboist, ann an Leòdhas, as an tà inig co-dhiù cuid de na clachan leis an deach gà rraidhean a tha timcheall Caisteal Steòrnabhaigh a thogail.
Bha Iain MacAmhlaigh à Rathanais, Leòdhas, ag innse do dh' Iain MacIlleathain gur e Bhatarsaigh an t-ainm a tha air an eilean a tha ri taobh Sgeir nan Clach. Saoilidh tu gu bheil an t-eilean beag seo na dhà phìos, agus gu dearbha tha dà ainm air - Bhatarsaigh Chorrach agus Bhatarsaigh Staoin.
Ann an Bhatarsaigh, tha bà gh brèagha agus tha tobhta an ìre mhath air an trà igh. Aig aon uair b' e ceà rdach a bha seo, anns am bite a' dèanamh nan innealan agus na geinnean leis am biodh iad a' briseadh nan clach air Sgeir nan Clach.
'S e Bà gh na Ceà rdaich a tha air a' bhà gh agus tha e coltach ma thèid thu gu Sgeir nan Clach gu faic thu fhathast cuid de na geinnean ann an clachan nach deach aca air briseadh.
Sgrìobh Ceit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, An t-Eilean Sgiathanach a rà dh gu cinnteach gur e à m an fheasgair a bha seo. Airson tighinn an latha chleachdadh i beul an latha, briseadh na fà ire agus cà il an latha.
Chante gu robh an t-sìde na h-ionad ma bha an t-sìde mar a dhùilicheadh duine i bhith aig à m sònraichte sam bith dhen bhliadhna.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.