
Bha fear nach robh airson a bhith air ainmeachadh a' fònadh agus e ag rà dh nach robh cà il anns a' chliabh ach sà rachadh uabhasach 's nach robh fiùs bà rdachd riamh ga moladh. Bha e cuideachd ag rà dh nuair a bhiodh cliabh a' tighinn gu deireadh a là ithean gum bite ga crochadh far am biodh na cearcan 's bha e math airson nead a dhèanamh. Bha e ag innse mu bhà rdachd a bha e a' smaoineachadh a rinneadh le tè à Siabost.
Rinn fear à Nis, Bèicear Dhòmhnaill Uilleim, bà rdachd dhan chliabh cuideachd, Còmhradh eadar Duine agus Cliabh-Monadh, anns a bheil am bà rd a' dì-moladh a chlèibh ach tha an cliabh a' freagairt. Lorgar e ann am Bà rdachd Leòdhais t.d.185 (Acair 1998)
Bha Fionnlagh ag rà dh gur e cà il cho salach, sà raichte 's a bh' aig duine a-riamh ri dhèanamh, cliabh todhair a thoirt suas gu mullach lot, 's e a' drùdhadh sìos do dhruim 's do thòin. Ach bha an todhar cho faisg air na daoine, 's nuair a bha e beag dh'fhaodadh e-fhèin a bhith as an leabaidh 's chitheadh e sìos chun an todhair. Chitheadh e a' bhò anns an stà ile agus na cearcan air an spiris, a' spriotalaich air feadh an à ite.
Bha aon taigh ann a b' aithne dha agus bha a' chlann-nighean a bh' ann a' togail orra agus bha leabaidh ann an druim an taighe. 'S thà inig am fear seo a- steach 's beagan blà thachadh smùid air, 's thoisich e a' dìreadh suas cas na leapa. 'S thoisich an tè seo ga phutadh sìos air ais agus 's e a thuirt e, "Na sad dhan òcraich mi!" bhon bha an todhar cho faisg as a h-uile dòigh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.