Mura robh am buntà ta tioram, chan fhaigheadh iad ach cà ineadh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: A' bruidhinn air buntà ta, bhiodh iad an còmhnaidh a' cà ineadh buntà ta ma bha e fliuch. Dh'fheumadh e bhith daonnan tioram airson a dheagh mholadh. Fhios a robh buaidh aig an seòrsa todhair a bha 'd a' cur air, air a sin?
Fionnlagh: O bha, man a bhathas ga là imhseachadh. Ach gu sònraichte dè seòrsa buntà ta a bh' ann bho thùs 's dè seòrsa sìol-cura a bh' ann. 'S bha fhios aca dè seòrsa a bh' ann 's dè an talamh air an tigeadh e. 'S tha eòlas gu leòr dhan a sin timcheall fhathast.
Ach nuair a bha na lotaichean nan lotaichean eil fhios agad, chì thu fhathast sreath dha na pocannan sìol-cura suas, an todhar air a' raon 's an crann no an tractar a' tighinn 's daoine le peilichean as a' sgrìob 's na faoileagan, faoileag a' chinn dhuibh, an crann-fhaoileag 's mar sin as a' sgrìob as do dhèidh, eil fhios agad, seallaidhean a bha daoine eòlach air tro saoghal na croitearachd.
Iain: Tha agus dìreach a' togail air a sin far am biodh iad a' treabhadh le eich na le tractaran agus far nach robh rùm tionndadh no far am biodh an t-each a' tionndadh, na cinn-sgura dha fhà gail agus daoine le spaidean a' feuchainn ri sin a thionndadh agus cumail an à rda ris an each. Agus cha robh sin furasta.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ach a' bruidhinn air a' bhuntà ta, co-dhiù bha e fliuch no co-dhiù bha e tioram, 's bhiodh na bodaich an còmhnaidh a' gearain. Bha an tè a bha seo faisg oirnn fhìn, agus och bha i rudeigin crosta dhith fhèin. Agus bha na bodaich timcheall a' bhùird 's bha 'd air na cip a chaitheamh dhiubh 's bha 'd ag obair air fà sgadh a' bhuntà ta, a' fà sgadh fear 's ga fhà gail 's a' dol gu fear eile, fhios agad, 's "Och chan eil e ach fliuch, am buntà ta! Och, chan eil e ach fliuch! Suarach am buntà ta a th' ann!"
'S bha a' chailleach a' sìor fhàs crosta ag èisteachd seo agus 's gun à rach sam bith aice 's i gu toirt thairis a' dèanamh dìnneir. 'S bha an t-uisge 's an dìle a-muigh. 'S thà inig i nall 's rug i air an truinnsear mòr buntà ta agus chaidh i a-mach, 's e taigh tughaidh a bh' ann, 's dh'fhosgail i an doras 's chaith i mach a' whole lot air a' starsaich 's thuirt i "Tha e fliuch a-nis!", ors ise.
Fionnlagh: Mà thuirt, brònag!
Iain: O bha iad math air am beul. Nach robh naidheachd eile ann cuideachd 's 's e sin a thug a-steach orm e. Fhios agad, grunn timcheall a' bhùird is bean an taighe a' cantainn "Siuthadaibh. Siuthadaibh" 's "Ithibh ar biadh" 's mar sin air adhart. Agus fhreagair aon duine "Tha mi ag ithe fear, 's tha mi a' rùsgadh fear, 's tha mo shùil air fear eile!"
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S sin agad e.
'S e buntà ta mòr, mòr a bha sin, le faoban mòr orra. Bha 'd rudeigin bog agus glè thric sann airson biadh do bheathaichean a bhiodh iad. Cha robh iad cho math ri sin airson an ithe.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.