An t-Earrach
San earrach cheòthail bhiodh fir gu dòigheil
Cur fonn air dòigh airson pòr thoirt trà th;
Le todhar sgaoilt' air, is beagan sgùilleach
Bhiodh mnathan sùrdail a' toirt à trà igh.
Bhiodh caoraich bhrògach le uain gan giùlain
Is balaich shunndach ag èirigh trà th
Gan dìon bhon fhaoileag 's bhon fhitheach bhrùideil
Nuair bhiodh iad sìnte a' breith sa bhlà r.
Samhradh
Moch 's mi ag èirigh air mhadainn Chèitein
Bhiodh drùchd air slèibhtean is air gach pòr;
Bhiodh cuthag èibhinn air creag 's i 'g èigheach
'S i cur an cèill dhuinn a h-ainm gun ghò.
Bhiodh smeòrach bhòidheach i fhèin 's an lòn-dubh
A' seinn an òrain gu ceòlmhor, binn;
'S am bòrd na lèige bhiodh an traon ag èigheach.
'S e sùil ro gheur leis am faicte i.
Foghar
Bhiodh bodaich là idir le seòl ri bà ta
Toirt iasg gu trà igh steach bho bhà rr nan tonn;
'S gheibheadh nà baidh bhuap' cosg an trà th dheth
Gun nì ri phà igheadh ac' air ach taing.
Bhiodh leòidean bòidheach le coirce is eòrna
Is mil ri òl againn ri gach tom;
Ach theich a' sgà il sin le cùrsa nà dair
Gun nì a' fàs ann an-diugh air fonn.
An Geamhradh
Bhiodh lochan reòite le deigh gan còmhdach
Bhiodh sinn sòlasach leis san à m;
'S le brògan còmhdaichte le tacaid dhlùth annt'
A dhèanadh siùbhlach sinn air an t-slaighd.
Siud mar bha sinn ri ceòl 's ri mà nran
Gu cridheil, cà irdeil a-measg a chèil';
Ach theich an t-à l sin 's cha mhòr th' air fhà gail
'S dh'fhà g sinn mi crà iteach an-diugh nan dèidh.
Iain MacAmhlaigh à Rathanais ag aithris