Mun à m seo dhen bhliadhna bha e na chleachdadh aig daoine a bhith a' dol chun na h-à irigh agus air feasgar brèagha chaidh Iain agus Tormod Mac a' Ghobhainn à Lìonail chun na mòintich eadar Nis agus Tolastadh bho Thuath. Shuidh iad ri bruaich abhainn Chuidhsiadar.
Tormod: Tha sinn an-drà sta, Iain, nar suidhe air bruaich abhainn Chuidhsiadar, agus sìos bhon à ite sa bheil sinn ann a' seo, 's ann ann a bha seana bhaile Chuidhsiadar far a robh daoine ri fuireach, teaghlaichean ri fuireach, eadar na bliadhnachan 1750 agus 1877.
Bha 'd a' fuireach ann a shin 's bha 'd ag à iteachadh na talmhainn a bha timcheall orra ann a shin. Bha e furasta dhaibh a bhith beò le iasg na mara 's na h-aibhnichean, agus an toradh a bha 'd a' toirt às an talamh.
Iain: Nise, tha dìreach aon cheist dha duine sam bith a tha ag èisteachd agus nach eil cà il a dh'fhios aca cà ite bheil Cuidhsiadar, nach innis sibh dhuinn.
Tormod: Tha Cuidhsiadar timcheall air trì mìle a-mach bhon a' bhaile mu dheireadh a th' ann an Nis, Sgiogarstaidh. Tha e air a' rathad ris an can sinn rathad Lord Lever, a' rathad a chaidh oidhirp a dhèanamh air, anns na bliadhnachan a chaidh seachad, a dhèanamh eadar Nis agus Tolastadh.
Agus tha Cuidhsiadar, 's e a' chiad à ite, 's e a' chiad à irigh gun tig duine air an rathad sin, air fà gail Sgiogarstaidh air a' rathad gu Tolastadh.
Iain: Mhothaich mi nuair a bha sinn air ar slighe a-mach air a' rathad ann a sheo, 's a thà inig sinn dìreach tarsainn air an tom, mar gum biodh, nochd na h-à irighean a bha seo fo ar comhair. Tha grunn à irighean ann, a Thormoid?
Tormod: Tha sin ceart. Tha sin ceart. Cha bhi thu fada ann a sheo, Iain, nuair a gheibh duine a-mach air a shon fhèin na bha thogalaichean air feadh na mòintich, le tobhtaichean agus là raich thaighean a bh' ann as na linntean a chaidh seachad, a' siud 's a' seo air feadh na mòintich eadar Nis agus Tolastadh.
Far a bheil sinn fhìn ann a' sheo an-drà sta, a' gabhail an iar oirnn dheigheadh sinn gu à irigh ris an canadh iad Àirigh a' Bhealaich.
An iar dheas air a' sin, tha Àirigh Allt an t-Sùlaire, agus 's e muinntir baile a' Phuirt gu sònraichte a bhiodh a' tighinn chun na h-à irigh a bha sin. Agus tha deugachadh a thaighean air fhà gail ann a' shin fhathast. Na tobhtaichean aca dìreach mar a bha iad nuair a bha na teaghlaichean a' tighinn bhon a' bhaile.
Deas air a' sin, tha à irigh ris an canadh iad A' Mhaoim agus Feadan na Maoim. 'S ann chun an à irigh sin gu sònraichte a bhiodh muinntir Lìonail a' tighinn...
Iain: Nise, a Thormoid, dìreach a' tilleadh ceum beag air ais, dè am prìomh adhbhar airson na daoine a bhith a' gluasad bho na bailtean a-mach ann a sheo?
Tormod: O tha sin, saoilidh mi, Iain, gu bheil sin soilleir. Bha 'd a' tighinn ann... am prìomh adhbhar airson an robh iad a' tighinn ann, 's ann airson gum biodh innis aca airson a' chrodh agus na caoraich. Bhoil, as na linntean a bha sin, bha a h-uile pioc dha na croitean aig na bailtean air an tionndadh airson gum biodh toradh air a thoirt bhuapa airson biadh geamhraidh dhan a' stoc a bh' aca aig an à m sin.
Agus dh'fheumadh iad, nuair a bha an talamh sin air à iteachadh, dh'fheumadh iad à ite a choireigin airson gum biodh innis aca airson a' chrodh tron an t-samhradh. 'S e sin am prìomh adhbhar airson a robh iad a' tighinn a-mach ann a' sheo.
Agus bhiodh iad ann gu fìor thoiseach an Fhoghair, nuair a bha iad a' dol dhachaigh an uairsin. Agus bha latha sònraichte ann nuair a bhiodh iad a' fà gail na mòintich, latha an imrich. Agus goirid as dèidh sin, bhiodh an crodh an uairsin a' dol airson innis gu machraichean nam bailtean.
Iain: Agus nise, bha, tha an abhainn a' dol seachad dìreach air ar beulaibh ann a' sheo. Bha tobraichean 's bha a h-uile cà il, mar a bha sibh ag rà dh, dìreach mar a bha e aig an taigh.
Tormod: Bha. Bha à iteachan ann as nach robh e uabhasach furasta tobar fhaighinn ach bha dà thobar faisg oirnn, far a bheil sinn ann a' sheo. Bha tobar aig Àirigh a' Bhealaich agus bha tobar shìos ann an Cuidhsiadar.
A-mach bhuainn a-rithist, aig Feadan na Maoim, bha tobar eile. Ach cha dèanadh duine a h-uile cà il leis a' bhùrn a bha tighinn bhon an tè sin idir. Tha, bhiodh sinn a' tuigsinn gur e bùrn iarainn a bh' ann.
Agus cha robh am bùrn sin cho math airson a h-uile cà il idir ris a' bhùrn a gheibheadh tu as na tobraichean eile a bha timcheall oirnn ann a sheo. Agus tha mi a' là n chreids', Iain, am bùrn a bha a' sruthadh às an tobar a bha sin, gu robh e cheart cho math ri iron tonic a gheibheadh tu bho dhotair sam bith.
Iain: Tha mi a' là n chreids' gu robh. Tha, a' sealltainn timcheall a-rithist, tha mi a' faicinn pà irtean dhen a' mhòintich a tha gorm, nan geà rraidhean mar gum biodh, timcheall air far an robh na h-à irighean 's an crodh 's mar sin.
Tormod: Tha sin ceart. Tha sin ceart. Well tha mi a' creids' gu robh iad fhèin a' taghadh an t-à ite sònraichte a bha seo airson na h-à irighean a bhith ann an à ite a bha freagarrach.
Chan urrainn dhomhsa a rà dh cuin a thòisich an cleachdadh a bha seo idir, Iain, ach gu robh e ann airson linntean. Tha fhios againn gu robh e ann as an t-seachdamh linn deug, co-dhiù. Agus tha, 's e tha iongantach gu bheil e a' gabhail air adhart fhathast.
Agus ged a tha atharrachadh beatha an dèidh toirt air falbh am prìomh adhbhar airson a robhas a' tighinn a-mach chun na mòintich, tha daoine inntinneach fhathast airson a bhith a' tighinn a-mach. Airson, tha, chan ann airson an aon rud, ach gu h-à raidh airson, man a chanas sinn, dhà na thrì là ithean saor-là ithean. Agus faighinn air falbh bhon a' fuaim a th' aig an taigh dhan an t-sà mhchadas a th' ann a seo.
'S tha mi a' là n chreids', Iain, gu bheil greiseag air a' mhòintich, gu bheil e gu math do chorp, do dh'inntinn agus, cha chreid mi nach fhaod mi a rà dh, do dh'anam an duine, a bhith as an t-sà mhchadas a bheir a' mhòintich dhuinn.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.