
'S e leigheas an ìre mhath cumanta bha seo. Bhite ga chleachdadh airson iomadach rud, mar eisimpleir, an aghaidh an droch shùil agus airson tinneas an righ.
'S e an dòigh à bhaisteach airson a dhèanamh a bhith a' cur bonn airgid ann an soitheach 's ga lìonadh le bùrn, agus sin an uairsin an t-uisge thar airgid.
Le, mar eisimpleir, tinneas an righ, far am biodh lot a' tighinn air an amhaich, bhite a' nighe an lot leis an uisge.
Tric gu leòr le tinneas an righ 's e an seachdamh mac no an seachdamh nighean a bha ris an leigheas a dhèanamh. Agus 's e "dotairean" a chante ris na daoine sin chionns gu robh comas leigheas aca. Bhiodh iad a' cur an là mh dhan uisge agus ga shuathadh air an euslainteach.
Agus tric gu leòr, 's dòcha air sgà th an creideas a bh' aig daoine ann, bhiodh e ag obair.
Air madainn Latha Buidhe Bealltainn, a' chiad latha den Chèitean, bha e na chleachdadh, aig clann-nighean gu h-à raidh, èirigh trà th, ro à m èirigh na grèine, no mar a chante glasadh an latha no anns a' ghormanaich, agus a dhol a-mach gan nighe fhèin, co-dhiù an aghaidh, ann an dealt na maidne.

Bha Calum MacLeòid, Cà rlabhagh, Leòdhas, cuideachd a' cuimhneachadh air nuair a bhiodh iad a' cleachdadh mionaichean èisg airson mathachadh na talmhainn.
Ach bha e ag rà dh nach robh e na chleachdadh aca a bhith a' cur rud dhen t-seòrsa sin air an talamh barrachd air aon bhliadhna no dà bhliadhna as dèidh a chèile. Nan dèanadh tu sin, cha bhiodh gu h-à raidh buntà ta a thigeadh às an talamh sin ach gu math truagh.
B' e Bowman, a rèir coltais, an caiptean a bha air soitheach a thà inig a dh' Uibhist le buntà ta agus eile aig an à m anns an robh an gaiseadh as a' bhuntà ta (mu 1846-7).
Thòisich na daoine a' cur a' bhuntà ta agus dh'ainmich iad e air a' chaiptean.
Thà inig post-dealain mun bhuntà ta ris an canadh daoine "am buthaman" bho Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain à Uibhist a Tuath agus Ceap Breatainn.
"Tha mise a' smaoineachadh gur ann o chompanaidh ann an Sasainn a bhiodh a' reic buntà ta-sil a thà inig an t-ainm sin. Cha chreid mi nach e A.S. Bowman an t-ainm a bh' orra."
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.