Nam biodh sgioba eathair a' dol gu iasgach a' sgadain gu h-à raidh, agus air an t-slighe chun a' ghrunn iasgaich gu faiceadh iad closach caora, is i a' falbh leis an t-sruth, bha iad a' gabhail sin mar droch chomharra, comharra air mì-shealbh.
Bhiodh na caoraich a' cromadh chun nam pallaichean airson faighinn gu feur gorm is tric gu leòr chan fhaigheadh iad an uairsin à s. Mur a faiceadh duine iad a dhèanadh cobhair orra, tric bhiodh iad a' dol le na creagan no a' bà sachadh far a robh iad.
Chante lùireach de chòta ri seann chòta robach no aodach robach sam bith.
Nam biodh aodach obrach no aodach nach robh ro ghrinn no ro ghlan aig duine chante gur e aodach mandalach a bh' ann.
Chante sìnteag ri siofag ann an Uibhist a Tuath, agus chante buaic ri siofag ann am Muile. Faodar buaic a chleachdadh airson cèir coinneal cuideachd.
Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, Uibhist a Tuath agus an t-Òban
Ann an Sgalpaigh na Hearadh chante "bilean an là in" ris an là n-mara mar a tha i ag èirigh suas agus "cridhe muir-trà igh" ri stad an trà igh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.