
Bha taigh-earraich na bu mhotha na bha à irigh agus bhathas ga cleachdadh na bu trà ithe air a' bhliadhna, gu h-à raidh nuair a bha biadh a' fàs gann. Bhathas a' dol a-mach leis a' chrodh ach bha an t-sìde fhathast fuar, agus bha an crodh a' tighinn a-steach air an oidhche, 's mar sin bha an taigh-earraich tòrr na b'fhaide na bha an à irigh.
Lorgadh tu clach-thachais air taobh a-muigh à irigh agus bhite ag rà dh gun d'fhuair i an t-ainm a chionns gur ann airson gum biodh an crodh gan tachais fhèin oirre a bha i ann.
Air na seann à irighean glè thric bha dà dhoras ach an gabhadh aon aca a dhùnadh le cip a rèir is dè an taobh bho robh a' ghaoth a' sèideadh. Seo an doras-iadht.
Bha an teine eadar an dà dhoras mar bu tric. Cha robh doras-iadht air na h-à irighean a b' ùire, leithid nan à irighean a tha air Àirigh a' Bhealaich agus Cuidhsiadar ann an Nis, Leòdhas.
Ann an à irigh, b' e am bodach a' sorchan air a dhèanamh le cip air am faodadh tu suidhe agus bhiodh tu a' sìneadh air a' chaillich!
'S e both togalach ris an canar beehive dwelling anns a' Bheurla.

Chithear fhathast an t-atach aig cuid aca. 'S e dòigh togail a bh' ann am bothan a bha cumanta tro na linntean, a' dol air ais gu linn na cloiche, agus chan eil teagamh nach robh manaich a' cleachdadh bothan is cill air eileanan iomallach mar na h-Eileanan Flannach agus Rònaigh.
Air eilean beag air cùl Bheà rnaraigh Leòdhais air a bheil Eilean Fir Chrothair, tha both a tha fhathast an-à rda. Tha feadhainn eile ann nach eil an à rda, agus 's e Am Beannachadh a th' air an à ite sin.
Chuala Fionnlagh MacLeòid sgeulachd mu bhoth a bha air cùl Beinn Bhrà gair anns an robh dithis nighean à Cà rlabhagh. Tha e coltach gun do thuit a' bhoth tron oidhche 's gu robh iad glaiste innte 's nach d'fhuair iad à s.
Bha Coinneach Iain Mac A' Ghobhainn à Iarsiadar, Leòdhas, ag rà dh gum biodh manaich a' fuireach anns na seann bhothan a bha air an togail faisg air aibhnichean chionns gu robh na manaich dèidheil air bric mar bhiadh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.