
Bhite ag rà dh gur e Clann Raghnaill a thug am buntà ta a dh'Uibhist an toiseach, agus dha na h-eileanan. Bha Fionnlagh MacLeòid ag innse gu robh fhathast mìr talmhainn a-staigh air bhà rr nan creag, ann an Àrnol, Leòdhas, a tha air aithneachadh mar an t-à ite far an robh iad a' cur a' bhuntà ta an toiseach. Cha chuireadh iad idir buntà ta anns na lotaichean. Bha e mar gum biodh teich aig daoine roimhe.
Bha co-dhiù dà sheòrsa cliath ann, fear sònraichte a shlaodadh each, agus fear na bu lugha a bhiodh daoine a' tobhaigeadh. Bha iad a' cur an iris mum broilleach 's a' coiseachd leis. Obair throm a bh' ann.
Bha e na chleachdadh an cuid a dh'à iteachan a bhith a' cur seagal is coirce còmhla ann an à ite far an robh buntà ta air a bhith, ann am mathachadh a' bhuntà ta mar a chante, no ann an atharnach a' bhuntà ta. Agus bha cleachdadh ann a bhith a' gearradh an t-seagail gorm, mas abaicheadh e. Air an aon latha, na faigheadh iad latha math, ghearradh iad e gorm is tioram, agus ghocadh iad e an à ite leigeil leis abachadh. Bha tòrr a' bharrachd math ann dha beathaichean nan deidheadh a bhuain gorm.
Do dh'iomadh duine tha caoir a' ciallachadh rud fìor thioram, mar pìosan fraoich no pìosan feòir, no fiù 's pìosan rèisg. Bhite ga chleachdadh airson teine a thogail. 'S mathaid gur ann à sin a tha am facal caoran a' tighinn.

Nuair a bhiodh tu a' rùdhadh no a' togail mhònach agus ga fà gail ann an gà rradh, nuair a dheidheadh tu an uairsin a thogail a' ghà rraidh a bha sin, nam feuchadh tu ris a h-uile fà d a bh' ann a thoirt bho chèile, bha thu a' dèanamh tòrr briseadh air a' mhòine. Air sgà th sin, bhiodh daoine a' togail trì no ceithir a dh'fhà dan a bhiodh ceangailte ri chèile agus gan cuir nan seasamh ann an loidhne ri taobh a chèile 's ga fà gail ceangailte. Ann an Uibhist a Tuath, a rèir coltais, 's e caoir a chante ris an sin.
Seo freumhaichean tioram a gheibhte ann am mòine bhà n.
Bhathas a' cleachdadh calcas nuair a bhite a' togail bhà taichean is eathraichean airson a bhith ga chuir eadar nam bùird. Chante gu robhas a' calcadh eathar.
Bha cuimhne aig Iain MacIlleathain air plòitean mar mòine thioram, aotrom, shoilleir. Bhite a' taghadh seo agus ga roiligeadh ann am pà ipear-naidheachd airson seòrsa de thoitean a dhèanamh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.